Baile MhicIllFhaolain

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Baile MhicIllFhaolain
'Old Mortality', Balmaclellan - geograph.org.uk - 680186.jpg
Mapa dg Baile MhicIllFhaolain.jpg
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Scotland.svg Alba
Ceàrn Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 55° 05′ 16" Tuath
04° 06′ 46" Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 140 (2011)
Àireamh fòn 01644
Duilleag oifigeil Baile MhicIllFhaolain aig Discover Scotland

‘S e baile beag dùthchasail faisg air Baile Ùr nan Stiùbhartach air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann am Baile MhicIllFhaolain (Seann Chuimris: Treuercarcou). Tha e suidhichte aig 85m os cionn ìre na mara,[1] ann an cridhe na roinne Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Chille Chuithbeirt ro 1975), eadar Baile Ùr Ghall-Ghaidhealaibh agus Clachan Eòin, ri taobh an Uillt Aquavitae.[2] Tha e 33km air falbh bho Dhùn Phrìs, 85km bho Glaschu, 62km bhon An t-Sròn Reamhar agus 111km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[3] Tha dìreach 140 duine a’ fuireach anns a’ bhaile[4] agus 's e Beurla a th' ann a’ chiad chànain aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann am Baile MhicIllFhaolain, ged an robh Gàidhlig fhathast beò ro 1700.[5] Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas. Thathar air ball-ceàirde Ceilteach neo dhà a lorg san sgìre agus chleachdadh an t-seann ainm aig ìre oifigeil gu ruige an 13mh Linne agus thogadh daingneach Ghàidhealach san 12mh Linn a thug ainm dhan bhaile. Chruthaich Uilleam MacIllFhaolain Caisteal Barscobe an seo ann an 1648,[6] fear dhe na taigh-tùir mu dheireadh a chuireadh air dòigh ann an Alba. Ri linn An Ath-Leasachaidh bha an t-suidheachadh gu math connspaideach agus bha mòr-chuid Pròstanach sa bhaile, a dh'aindeoin na dhèanadh an riaghaltas nan aghaidh. Tha beul-aithris a' cumail a' dol gun do rugadh bana-bhuidseach an seo, tè air an robh Eilispidh NicEòghain, a chuireadh gu bàs ann an Cille Chuithbeirt ann an 1698[7] agus gun do thìodhlacadh i taobh a-muigh na cille an seo.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Meteo Consult
  2. Kirkcudbright
  3. Google Earth
  4. The Glenkens
  5. Lorimer, W. L., "The Persistence of Gaelic in Galloway and Carrick", ann an Scottish Gaelic Studies, VI.2 (1949), duilleag 117
  6. Barscobe Castle
  7. A' Chomhairle