Baile Ùr nan Stiùbhartach
'S e baile ann an Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh a tha ann am Baile Ùr nan Stiùbhartach (Beurla: Newton Stewart). [1] Tha am baile suidhichte air bruach River Cree, tha a' chuid as motha dhen bhaile air taobh an iar na h-aibhne. Tha a' mhòr-rathaid A75 a' ceangal a' bhaile leis an t-Sròin Reamhair san iar agus le Dùn Phrìs san ear. 'S e seo na co-chomharran aige: 54° 57′ 28.8″ Tuath agus 4° 29′ 31.2″Iar.
'S e Baile Ùr nan Stiùbhartach teas-mheadhan clèireachail dhen roinn The Machars. Ann an 2001 bha 3,573 duine a' fuireach an seo. [2]
Chaidh am baile a stèidheachadh anns an 17mh linn le William Stewart, am mac as òige dhen 2na Iarla Gall-Ghaidhealaibh.
Chaidh am film The Wicker Man a chruthachadh timcheall air Baile Ùr nan Stiùbhartach, agus ann an 1972 bha am film ri fhaicinn ann an taigh-dealbh airson a' chiad turas anns a' bhaile fhèin.
Iomraidhean [deasaich]
Ceanglaichean a-mach [deasaich]
- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NX 414 654