Baile Ùr Ghall-Ghaidhealaibh

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Baile Ùr Ghall-Ghaidhealaibh

'S e baile ann an Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh a tha ann am Baile Ùr Ghall-Ghaidhealaibh (Beurla: New Galloway). Tha Clachan Eòin gu tuath air a' bhaile agus tha Balmaclellan ear air. 'S e seo na co-chomharran aige: 55° 4′ 22.8″ Tuath agus 4° 8′ 20.4″ Iar.

Bha daoine a' fuireach an seo anns an 13mh linn, nuair a chaidh Kenmure Castle, a bha faisg air an àite, a thogail. Chuir an Viscount of Kenmure am baile air bhonn anns na 1600an. Bhon 1630 a-mach tha e na bhaile-margaidh. Ach bha Cille Chuithbeirt a tha mu 19 mìltean air falbh, a' tarraing a' chuid as motha dhen luchd-malairt. Mar sin dh'fhàs Baile Ùr Ghall-Ghaidhealaibh gu math slaodach, an-diugh 's e sin an Royal Burgh as lugha ann an Alba.

Ceanglaichean a-mach [deasaich]