Baile Átha Cliath
| Baile Átha Cliath Dublin
|
|||||
![]() |
|||||
| Suidheachadh | |||||
| Dùthaich | Poblachd na h-Èireann | ||||
| Ceàrn | Laighean | ||||
| Sgìre | Contae Baile Átha Cliath | ||||
| Co-chomharran | 53°20' 33" Tuath 6°15' 57" Iar |
||||
| Feartan fiosaigeach | |||||
| Farsaingeachd | 114.99 km² | ||||
| Àireamh-shluaigh | 505,739 (2006) | ||||
| Dlùths | 4,398.11/km² | ||||
| Àireamh fòn | +353 1 | ||||
| Duilleag oifigeil | www.dublincity | ||||
Is e prìomh-bhaile Poblachd na h-Èireann a tha ann an Baile Átha Cliath (IPA: bˠalʲə a:ha klʲiəh) neo Dublin 'sa Bheurla, agus am baile as motha 's an tir sin cuideachd. Tha e suidhichte air gach taobh an linn cumhang de Abhainn na Lifé. Thàinig a h-ainm Beurla bhon ainm Gaeilgeair an seolaid: "Dubh Linn". A dh'aointinn an t-ainm b'e na Lochlannaich a steidhich am baile. Tha iad comharraichte an ainm sgire "Baile Lochlainn" dluth ri taobh tuath na Life faisg air na ceithir cuairteanna, agus an iomaigh umha crannghail long-fhadaaig beulaibh priomh-oifig Comhairle Atha Cliatha air Na Laimrigean Deasa.
An linn nan Normanaich shuidhich iomadh coigreaich a Sasuinn an Baile Atha Cliatha, agus mar a fhuair na Tighearnan Normanaich smachd air Eireann, thanaig Baile Atha Cliatha a bhi cathair cumhachd nan Sasunnaich an Eireann- suidheachadh a mhair sios ri 1921. Rinneadh "callaid" mun chuairt am baile Shasunnaich ré an 14mh linn, a dhion na Gall bho na Gaidheal "borb" air an taobh a muigh. Tro na meadhan aoisean, b'e am Beurla cainnte na Callaid agus A' Ghaidhlig cainnte den chorr, shuidheachadh a mhair gu ire mhor mus Bliadhna a' Ghoirt Mhoir (1847).
A measg na priomh togalaich den cathair tha: Caisteal Atha Cliatha, Aros Eaglais Chriosd (Eaglais na h-Eireann), Na Ceithir Cuairteanna, Taigh nan Cuspainn, Oifig Ginearalta An Phoist.
Tha an Taigh Grudaidh ainmeil Guinneiss suidhichte aig Geata Naoimh Sheamuis. Tha Aros an Uachtaran suidhichte an Pairc an Fhionn-Uisge, pairc agus taigh a bhuannaig ris an teaghlach Ghuinneis.
Susbaint |
[deasaich] Daoine Ainmeil
[deasaich] Bailtean Co-cheangailte
Barcelona
Katowice
León
Meagsago (baile)
Podgorica
Poll a' Ghruthain
San Jose, California[1]
Tunja
Vilnius
