Bae Colwyn

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Bae Colwyn

'S e baile ann am Bwrdeistref Sirol Conwy, a' Chuimrigh a tha ann am Bae Colwyn (Beurla: Colwyn Bay). Ann an 2001 bha 9,742 duine a' fuireach an seo. Tha am baile suidhichte air a' chosta san àirde a tuath na Cuimrigh. Tha am mòr-rathad A55 a' ruith tron bhaile mar a tha a Rathad-iarainn Oir-thir Tuath na Cuimrigh.

A-rèir an cunntas-sluaigh ann an 2001 bha Cuimris aig 20% de mhuinntir a' bhaile. Tha na ceudan as àirde a-measg nan daoine òga eadar 10 is 14 bliadhna a dh'aois. Tha Cuimris aig 38% dhiubh. Tha sgoil ann le foghlam tro mheadhan na Cuimris, Ysgol Bod-Alaw.

Daoine ainmeil[deasaich | edit source]

Rugadh Terry Jones, ball dhen bhuidhean "Monty Python" ann am Bae Colwyn.