Bóthar Seoighe

O Uicipeid

'S e Gaidhealtachd ùr bheag a th' ann am Bóthar Seoighe, no Shaw's Road, ann am Béal Feirste an Iar a chaidh air cois ann an 1969. Thòisich an iomairt le còig teaghlaichean ach dh'fhàs a' choimhearsnachd gu mòr rè nam bliadhnaichean agus tha 22 taighean anns a' Ghaidhealtachd bhig a-nis. Stèidhich muinntir na Gaidhealtachd a' chiad sgoil tro mheadhan Gàidhlig na h-Èirinn ann an Èirinn-a-Tuath ann an 1971, agus às dèidh strì fhada, fhuair iad taic oifigeil bhon Stàit ann an 1985.


Tùsan[deasaich | deasaich an tùs]

  • Mac Póilin, Aodán (2007) "Nua-Ghaeltacht Phobal Feirste: Ceachtanna le foghlaim?" Ann an: Wilson McLeod (Deas.) Gàidhealtachdan Ùra; Leasachadh na Gàidhlig agus na Gaeilge sa Bhaile Mhòr. Dùn Èideann: Oilthighe Dhùn Èideann, tdd. 31-59.
  • Maguire, Gabrielle (1991) Our Own Language, An Irish Initiative. Clevedon: Multilingual Matters.
  • Nig Uidhir, Gabrielle (2006) “The Shaw’s Road urban Gaeltacht: role and impact.” Ann an: Fionntán de Brún (deas.), Belfast and the Irish Language. Dublin: Four Courts Press, tdd.136-146.