Bàta-slaodaidh

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Bàta-slaodaidh

Is e bàta-smuid beag sònraichte ri tarruinn luingean mòra tro na seòlaidhean ri cidheachan de phort mhòr a tha ann am bàta-slaodaidh. Chaidh an togail agus cleachdadh an portaibh mhòr na h-Eòrpa bho mu dheidhinn 1820, mhàir iad tro atharrachadh mhalairt bho longan-sheòil gu longaibh-smuid, ach nuair a sgurr malairt thar chuain a shiubhal ann an longaibh bathair choitcheann re na 1960an agus thanaig mòr-longan sònraichte ri trachdadh fa-leth na h-aite, mòr-longan a bhiodh a' cleachdadh laimhrigean uisge domhainn, a chaidh air dealbhadh a thoirt cothrom do na mòr-longaibh seo a thig ris an laimhrig fo chumhachd na h-innlean aca fèin, chrion mhalairt nam bàtaichean-slaodaidh agus chaidh iad a-mach a bhi.

Tha àireamh bheag de bhàtaichean-slaodaidh fhadhast air an cleachdadh ach is e innealan Dhieseil a tha annta. Air barrachd tha iad torr nas motha agus nas cumhachd mhòr na bataichean-slaodaidh na 1950'n agus is e am prìomh obair aca a shlaodaich longan a tha an cunnart a dhol air creagan gu sabhailteas. Tha mar eisimplir 's an latha an diugh (2010), Steornabhagh na h-ionad de bhàta-slaodaidh de Seirbhis nan Maor-Chladaich, agus tha comas aig a' bhàta-slaodaidh suidhichte ann an Steornabhagh, An Anglian Prince, a libhrig tarruinn marbh de 150 tonna.

Commons-logo.svg
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: