Bàrdachd na Roinn-Eòrpa an Gàidhlig

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

BÀRDACHD EÒRPACH ANN AN GÀIDHLIG

Bardachd Eorpach.jpg

Fad na leth-cheud bliadhna a dheasaich Ruaraidh MacThòmais GAIRM, thug e cothrom do dh’ iomadh bàrd iomraiteach agus ùr an obair a dh’ fhoillseachadh air duilleagan na h-irise. Cuideachd chlò-bhuail e mòran eadar-theangachaidhean de bhàrdachd coigreach. Chaidh a mhòr-chuid de na eadar-theagachaidhean seo an sgrìobhadh gu tùsail ann an cànanan Eòrpach, agus ann an 1990, dh’ fhoillsich GAIRM taghadh de na duain a nochdadh bho àm gu àm anns an iris, agus cuid a chaidh an eadar-theangachadh air son an leabhar. Chuireadh an cruinneachadh seo le chèile ann an leabhar eireachdail leis an tiotal Bàrdachd na Roinn-Eòrpa an Gàidhlig, deasaichte le Ruaridh MacThomais. Bha 25 eadar-theangairean air an riochdachadh le barrachd air 100 duan, bho chòrr is fichead cànan, mar eisimpleir Fraingis, Gearmailtis, Beurla, Ruiseanais is Spàinnis. Eadar na bàird a rinn na h-eadar-theangachaidhean bha àireamh ainmean àithnichte: Ruaraidh MacThòmais, Iain Mac a' Ghobhainn, Anna Frater, Maoilios Caimbeul, Deòrsa Caimbeul Hay, agus eile.