Bàrd Spàinnteach Antonio Machado
B' e bàrd barraichte Spàinnteach a bha ann an Antonio Machado. Rugadh e ann an Sevilla ann an 1875.
Am bàrd agus a dhàn “Achaidhean Shoria” anns a’ Ghàidhlig.
Ann an iarmailt aibhsich bàrdachd na Spàinne, chan eil reul nas soilleire (co-dhiù a-measg nam bard a bha beò anns an fhicheadach linn) na Antonio Machado y Ruíz (1875-1939). Tha a bhàrdachd pailt agus ioma-sheòrsach: eibhinn, brònach, aotrom, domhainn tuairisgeulach, feallsanachail – ach an còmhnaidh sgoinneil, bòidheach, fìorghlan, treibhdhireach, uasal. Bha e ‘na comh-aimsireach do bhàrd mòr eile, Federico Garcia Lorca a rugadh, mar Mhachado, ann an Andalusia, ceann iar-dheas na Spàinne.
Mu thimcheall Mhachado, sgrìobh an leabhar mòr-eòlais Larousse: “...bàrd Spàinnteach, a rugadh ann an Sevilla (Seville)...a thug gu buil, air feadh beatha iriosail, uaigneich mar teagasgair na Fraingise..., cruathachadh obair bàrdachd a bha anabarrach luachmhor.”
Seo, mar eisimpleir den bhàrdachd tuairisgeulaich aige, beagan rann às a dhuan fada (naoi earrannan agus còig rann deug) a sgrìobh e do bhaile dan ainm Soria ann an ceàrn beanntach, anns an àirde tuath den Spàinn, far an do theagaisg Machado agus far an do phòs e a aon bhean ionmhainn Leonor a chaochail nuair nach robh i ach òg. Ann an 1989 chaidh Antonio Machado ainmeachadh le UNESCO mar Poeta Universal (“Bàrd Uile-choitcheann”).
[deasaich] Campos de Soria (Achaidhean Shoria)
- Tha fearann Shoria neo-thorrach, tartmhor, fuar
- Air na cnuic chruinne is na beanntan maola,
- Cluaintean glasa agus sgùrran ciar,
- Thig agus thèid an t-Earrach
- A’ fàgail eadar feur is luibhean cùbhraidh
- Neòineanan beaga bàna air an làr.
- Cha dhuisg an ùir ‘s an raon ‘na chadal fhathast,
- Air tùs a’ Ghiblein bidh e ‘g cur an t-sneachd
- Air leitir àird a’ mhonaidh;
- Pasgaidh fear-siubhail a mhuineal is a bheul
- ‘Na ghuailleachan clòimhe, agus ceumaidh
- Ciobairean seachad ann an cleòcan fada.
- Soria glan nam beann fuara
- Ceann de Roinn Extramadura
- Le làrach caisteal ceathairne
- Air bruaich abhainn Duero;
- Leis a bhàbhain chnàimhte
- Is a thaighean dubhaichte!
……….
- Thèid sibh còmhla rium ann am chridh’!
IX
- Seadh, thèid sibh còmhla rium, achaidhean Shoria
- Feasgairean sìochail agus beanntan purpaidh,
- Doireachan aibhne, aislingean uaine
- Den fhearrann odhar, ‘s den duslach ghlas
- Agus den bhaile chrìon,
- Dhrùidh sibh air m’anam –
- No an robh sibh ann mu thràth?
- ‘Mhuinntir àrd-chòmhnaird tìr Numancia:A leanas ri Dia mar sean-Chrìosdaidhean,
- Gun lìonadh grian na Spàinne sibh le aoibhneas,
- Le solas, saidhbhreas agus soirbheachadh!
(Air a eadar-theangachadh le Garbhan MacAoidh.)
[deasaich] Iomradh
- Màthair-adhbhar: GAIRM, Àireamh 155, An Samhradh 1991, t.d. 253-257.
