Bàrd Mhealaboist
Bàrd Mhealaboist (15 Gearran 1901 - 7mh Samhain 1982). B' e Murchadh MacPhàrlain an t-ainm ceart aige agus se Bàrd foillsichte bh' ann. Bhiodh e cuideachd a' strì airson na Gàidhlig.
Rugadh agus thogadh e ann am Mealabost, Eilean Leòdhais. Shiubhal e gu Aimearaga a Tuath anns na ficheadan agus thug deannan bhliadhna ann am Manitoba, àite bu bheag air, agus b' e siud tùs an òrain ainmeil "'S fhada leam an oidhche gheamhraidh". Rinn e seirbheis armaichte anns an Darna Cogadh bho 1942 gu 1945, agus an sin phill e a Leòdhas, 's rinn tamh ann gu deireadh a bheatha. Anns na seachdadan chaidh a' bhàrdachd aige a chleachdadh anns na h-òrain aig Na h-Òganaich, agus chuir an Stornaway Gazette a-mach comh-chruinneachadh de 'bhardachd "An Toinneamh Dìomhair" an 1973, agus an dhèidh sud bha a' bhàrdachd aige a' faighinn nas motha luchd-èisdeachd agus bhrosnaich e grunn chòmhlain-ciùil mar eisimpleir Runrig agus Capercaillie. Dh'fhoillsicheadh Cànan nan Gàidheal, an t-òran as ainmeile aige, ann an iris Gairm ann an 1975. Chur Comunn Gàidhealach Steòrnabhagh a-mach leabhar agus reacordadh-teipe "Dàin Mhurchaidh" a ghlèidh deannan de 'òrain air an seinn leis-fhéin ann an 1986.
Bha e an aghaidh an campa NATO aig port-adhair Steòrnabhagh a dhèanamh nas motha. Is esan cuspair a' phrògram Murchadh MacPharlain; Bàrd Mhealaboist a choisinn duais Fèis na TBh is nam film Ceilteach airson aithriseachd ealain a b' fhearr ann an 2001.
[deasaich] Ceangalan a-muigh
- Dealbh
- Beath-Eachdraidh bho GRD Stòr-dàta
- Faclan Cànan nan Gàidheal
- Faclan Cànan nan Gàidheal (atharrachadh eile)
- Bliadhna nan Òran air làrach a' BhBC
- 'The Lewis Folk' - Radio documentary from 1976 by Kieran Sheedy of Irish Radio Station RTÉ 1, featuring an interview and song from Murchadh