Aran-coirce
O Uicipeid
Tha aran-coirce no bonnach air a dhèanamh air mìn-choirce garbh, sòda arain, salann, geir leaghte, agus uisge teth. Thathar ga fhuine ann an àmhainn, no ga bhruich air greideal.
Alba [deasaich]
Tha aran-coirce no bonnach na bhiadh cumanta ann an Alba. 'S iomadh chomas a th' aca. Mar eisimpleir, bidh daoine ga ghabhail le brot an àite aran, no aig biadh-na-maidne le silidh. Is tric a bhios daoine gan gabhail le càise, agus tha iad rim faicinn air clàran taighean-bidhe cuideachd mar chomh-phàirt diathaid.