Aonghas Pàdraig Caimbeul

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

'S ann as An Leth Mheadhanach ann an Uibhist a Deas a tha Aonghas Pàdraig Caimbeul (no Aonghas Phàdraig, mar a chanas a choimhearsnachd fhèin sa cheann a deas). Chaidh e gu Sgoil Gheàrraidh na Mònadh agus an uair sin gu Àrd-Sgoil an Obain, far an do ghabh e ùidh ann an litreachas fo stiùir an neach-teagaisg Bheurla aige, Iain Mac a' Ghobhainn nach maireann.

Chaidh Aonghas Pàdraig an uairsin gu Oilthigh Dhùn Eideann, far an tug e a-mach Ceum le Urram ann am Poileataigs agus Eachdraidh. Fhad 's a bha e san Oilthigh fhuair e misneachd mhòr a thaobh a chuid sgrìobhaidh bho Shomhairle MacGill-Eain, a bha na Sgrìobhaiche aig an Oilthigh aig an àm.

As dèidh an Oilthigh, chaidh Aonghas Pàdraig a dh'obair na fhear-naidheachd do Phàipear Beag an Eilein Sgitheanaich, agus an uair sin chun a’ BhBC agus gu Telebhisean Ghrampian.

Tha e air grunn leabhraichean a thoirt a-mach. Ann an 2001 chaidh urram Crùn na Bàrdachd a thoirt dha leis a' Chomunn Ghàidhealach aig Mod nan Eilean Siar, agus anns a bhliadhna sin cuideachd fhuair e an duais chliùìteach 'Creative Scotland Award' bho Chomhairle nan Ealain. Tha e air a bhith na Sgrìobhaiche aig Sabhal Mòr Ostaig agus tha dreuchd Caidreachais Iain Mhic a' Ghobhainn aig Roinn na Gàidhealtachd air a bhith aige cuideachd.

Aon uair, chluich e ball-coise ann an Cuach na h-Alba aig Pàirce Hampden an aghaidh Queen's Park. Tha e fhèin ’s a bhean Liondsaidh a' fuireach ann an Slèite san Eilean Sgitheanach. Tha sianar chloinne aca. ’S e na sgrìobhadairean as fhèarr leis Tolstoy, George Eliot, Gabriel Garcia Marquez, agus ’s e Alex Cropley aig Hibs an cluicheadair ball-coise as fheàrr a chunnaic e a' cluich beò.


Susbaint

[deasaich] Leabhraichean

  • Tilleadh Dhachaigh, nobhail, Ur-Sgeul, 2009
  • An Taigh-Samhraidh, nobhail, Ur-Sgeul, 2007
  • Meas air Chrannaibh, bardachd, Acair, 2007
  • Invisible Islands, ficsean (Beurla), Otago Publishing, 2006
  • Là a' Deanamh Sgeil Do Là, nobhail, Ur-Sgeul, 2005
  • An Oidhche Mus Do Sheoil Sinn, nobhail, Ur-Sgeul, 2003
  • One Road, bardachd, 1998
  • The Greatest Gift, bardachd, 1992
  • Agus grunn leabhraichean-chloinne - coig nobhailean goirid airson nan sgoiltean nam measg

[deasaich] Film agus telebhisean

  • Seachd, 2007
  • Grampian TV
  • BBC ALBA
  • Agus grunn phrograman agus iomairtean eile

[deasaich] Paipearan-naidheachd agus irisean

  • West Highland Free Press, colbh Ghaidhlig, 2005+
  • An Gaidheal Ur, colbh Ghaidhlig, 2005-Mart 2009
  • An t-Albannach, 2001 agus 2003
  • GATH 2005-2007
  • Agus grunn phaipearan-naidheachd agus irisean eile

[deasaich] Ceangailean a-mach

Innealan pearsanta
Namespaces

Tionndaidhean
Gnìomhan
Seòladh
Clò-bhuail/às-phortaich
Bogsa-innealan
Ann an cànain eile