Aodh Rua Ó Dónaill

O Uicipeid
Aodh Rua Ó Dónaill
Beatha
Breith Leifear, 30 dhen Dàmhair 1572 (Gregorian)
Dùthaich  Poblachd na h-Èireann
Bàs Simancas (en) Translate, 10 dhen t-Sultain 1602
Àite-adhlacaidh Valladolid
Teaghlach
Athair Hugh O'Donnell
Màthair Fionnuala Nic Dhomhnaill
Bràithrean ⁊ peathraichean
Fine rìgh-shliochd nan Dòmhnallach
Dreuchd
Dreuchd luchd an airm

B’ e Taoiseach (Tighearna neo Rìgh) Thír Chonaill ann an Éirinn a bh’ann an Aodh Rua O Dónaill (1572 - 10 an t-Sultain, 1602), a bha an sàs ann an Cogadh nan Naoi Bliadhna, bho 1594 gu 1603.

Beatha[deasaich | deasaich an tùs]

Rugadh Aodh Rua sa bhliadhna 1572 ann an Leifear, Dun na nGall. ‘S e mac thighearna Thír Chonaill, Aodh mac Mánusa Ó Dónaill, a bh’ann, is ‘s e Fionnuala Nic Dhomhnaill An Inghean Dubh a bh’ann a mhàthair. Thogadh ar altramas e le Mac Suibhne, tighearna Fhánaid ann an ceann a tuath Thír Chonaill. Sa bhliadhna 1587, an dèidh a chrùnadh ann an Tulaigh Óg, ghoid Sir John Perrot air falbh e, gus stad a chur air caidreabhas eadar Muinntir Dhónaill agus Muinntir Néill. Bha Aodh dìreach còig bliadhna deug a dh'aois aig an àm.[1]

Chuireadh sa phrìosain ann an Caisteal Bhaile Átha Cliath e. Theich e fad greis sa bhliadhna 1590,[2] ach ghlac na Sasannaich e. Le cuideachadh bho Aodh Mór Ó Néill, theich e a-rithist san Fhaoilleach sa bhliadhna 1592 còmhla ris na dithis mhac aig Seán Ó Néill.[3] Bha iad bog fliuch fuar agus iad caillte air Sliabh Chill Mhantáin mus do ràinig iad an daingneach a bha ag Fiach MacAodha Ó Broin ann an Cill Mhantáin. dh’ eug Art Ó Néill air a’ mhòintich agus bha Aodh Rua tinn fad greis. Thàinig piseach air ach chaill e òrdagan na coise leis gu robh iad siocaichte. Sin an t-aon uair a-mhàin a theich duine sam bith bho Chaisteal Bhaile Átha Cliath.

Nuair a thill Aodh gu Cúige Uladh, thaghadh athair mar thighearna e. Fhuair Aodh ceannas air muinntir Dhónaill agus air Tír Chonaill air fad. Bha esan agus Aodh Ó Néill ann an caidreabhas nuair a thoisich Cogadh nan Naoi Bliadhna. Chuir iad ruaig air na Sasannaich aig sreath dhe cathan: Béal Átha na mBrioscaí, Cluain Tiobraid agus Béal an Átha Bhuí. [4] Sa bhliadhna 1601 thàinig feachdan às An Spàinn dhan dùthaich gus cuideachadh a thoirt dhaibh, ach bha iad ro fhada gu deas, ann an Cionn tSáile.[5] B’ fheudar do na Gàidheil dhol gu Cionn tSáile, ach ghabhadh orra aig Cath Chionn tSáile.

Chaidh Aodh gu ruige na Spàinne gu cuideachadh a bharrachd a lorg, ach chaochail e an siud, ann am Valladolid, sa bhliadhna 1602, co-dhiù,[6] tachartas air a beil Teicheadh nan Iarla an latha an-diugh. Thathar ag ràdh gur e am fear-brathaidh Blake a mharbh e, ach fheadhainn eile dhen bheachd a-nis gur e tinneas a fhuair e bho bhèist-dà-lionn a rinn a’ chùis airsan. Ghabh a bhràthair, Ruairí Ó Dónaill, an ceannas thairis.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Library Ireland
  2. UCC
  3. Nalanda
  4. UCC
  5. Library Ireland
  6. UCC