Aodh Mór Ó Néill

O Uicipeid
Aodh Mór Ó Néill
Beatha
Breith Contae Thír Eoghain, 1540 (Gregorian)
Dùthaich Kingdom of Ireland
Bàs An Ròimh, 20 dhen Iuchar 1616
Àite-adhlacaidh San Pietro in Montorio (en) Translate
Teaghlach
Athair Matthew O'Neill
Màthair Joan Maguire
Cèile Catherine O'Neill, Countess of Tyrone (en) Translate
Siobhan O'Donnell (en) Translate
Joan O'Neill (en) Translate
unknown daughter O'Neill (en) Translate
Mabel Bagenal (en) Translate  (3 dhen Lùnastal 1591 -
Clann
Bràithrean ⁊ peathraichean
Fine rìgh-shliochd Ò Nèill
Dreuchd
Dreuchd ceannard airm

B’ e Iarla Thír Eoghain ann an Éirinn a bh’ ann an Aodh Mór Ó Néill (Tír Eoghain, mu 1550An Ròimh, 20 an t-Iuchar, 1616), a bha an sàs ann an Cogadh nan Naoi Bliadhna, bho 1594 gu 1603.[1]

Beatha[deasaich | deasaich an tùs]

Bhuineadh Aodh Mór Ó Néill do fhine nan Néilleach a bha, a-rèir nan Sasannach, nan luchd-ionaid laghail ceannas a’ chinnidh is Iarlachd Thír Eoghain. ‘S e an dàrna mac Mhaitias a bh’ ann, dìolain is fear-ionaid a’ chiad Iarla Thír Eoghain, Conn Ó Néill.[2] An uair sin thàinig am follais còmhstri doirbh taobh chòirichean-sheilbhe am broinn a’ chinnidh: ‘S e Maitias a bh’ann am mac na b’ aosda, ged an robh e na dhìolain, oir cha chuireadh dìolanas bacadh air a’ ghnothach sin idir ann an Lagh nan Gàidheal. Dhiùlt Séain, am fear na b’ aosda nam mac dligheach an Iarla, a ghabhail ri na cho-dhùin athair. Ri linn a’ chogaidh sin, chaidh Maitias (far-ainm Am Fear Dorcha) a mharbhadh leis na daoine aig Séain. Theich Conn bhon dùthaich aige is e a’ leigeil Aodh ann an droch shuidheachadh: ‘S e dìreach na Sasannaich ann am Baile Átha Cliath a bha ga chuideachadh, o chionn 's gu robh iad airson cumhachdan nan Gàidheal a lùghdachadh is siostam riaghlaidh Sasannach a chur air dòigh an àite cleachdaidhean Gàidhealach. Bheireadh na Sasannaich fearann air falbh bho na Gàidheil is bheireadh iad air ais dhaibh fo shiostam ùr à Sasainn. [3]

Thogadh Aodh ann an daingneach a bha aig an teaghlach Hoveneden, chan ann an Sasainn mar a bhathar dhen bheachd fad bliadhnachan. An dèidh gun do mharbh Toirdhealbhach Luineach Ó Néill a bhràthair Brian, fhuair Aodh an tiotal Ridire air Dún Geannainn. Ann an 1567, an dèidh bàs Shéain, thill e gu Cúige Uladh fo chùram Henry Sidney, Riaghladair nan Sasannach ann an Èirinn. An siud, bha Toirdhealbhach Luineach Ó Néill air Séain Ó Néill a leantainn mar cheann-feadhna a’ chinnidh, ach cha do ghabh Sasainn idir ri na còirichean aige mar Iarla Thír Eoghain. [4] Bha iad a’ moladh Aodh na àite, mar fhear-ionlaid laghail, is iad ag iarraidh gum biodh e na chaidreabhach dìlseach dhaibh airson smachd a’ cumail air Cúige Uladh. Ann an 1580, ri linn an Dàrna Ar-a-mach ann an Deasmhumhain, Shàbaid e ro taobh nan Gall an aghaidh Géaroid Mac Géarald, 15mh Iarla Dheasmhumhain agus, ann an 1584 chuidich e John Perrot anns an sabaid an aghaidh nan Albannach ann an Aontraim. An ath-bhliadhna fhuair e cuireadh do Phàrlamaid ann am Baile Átha Cliath mar Iarla Thír Eoghain agus, ann an 1587, an dèidh turas dhan Lùchairt Rìoghail thall ann an Sasainn, fhuair e air ais tro chead rìoghail, an cuid fhearainn a bha aig a sheanair, Conn Ó Néill, a’ chiad Iarla Thír Eoghain. Aig a’ cheart àm, leanadh na Sasannaich orra is iad a’ cruthadh mì-rùn eadar Aodh is Toirdhealbhach, oir bha iad a’ feuchainn ri de cumhachd nan Néilleach a lagachadh. Ach, mu dheireadh thall, rèitich an dithis aca còrdadh agus leig Toirdhealbhach an crùn dheth ann an 1595. Chaidh Aodh a chrùnadh na cheann-feadhna ann an Tulaigh Òg an dèidh sin, san sheann dhòigh nan Rìghrean Gàidhealach, is le sin ‘s e esan am fear na bu comasaiche ann an Cúige Uladh air fad. [5]

‘S e gu bhith neart agus cumhachd a lorg a bh’ ann an dòigh-obrach aig Ó Néill fad a bheatha, is e ag atharrachadh bho bhuidheann gu buidheann eile mar a thogradh e: a’ gabhail ri ceannsal nan Sasannach an dàrna latha, is a’ dol an aghaidh an Riaghaltais ann am Baile Átha Cliath ann an co-bhann Uachdaran beaga an latha eile. Leanadh e cleachdaidhean na linne siud is bheireadh e brìbean do dh’oifigearan ann an Èirinn is do na daoine aig lùchairt na bànrighinn ann an Lunnainn. Ged an tugadh an Riaghaltas ann am Baile Átha Cliath taic làidir dha, fad na ciad bliadhnachan aige ann an Cúige Uladh co-dhiù, tha e coltach nach robh esan cho cinnteach gum biodh e na b' fheàrr dha mar cheann-feadhna a’ chinnidh gu bhith còmhla ri na Sasannaich neo a bhith a’ dol an aghaidh an iomairt a thoisich iad ann an 1585, gus gèill a thoirt air Cúige Uladh air fad.

Aig toiseach tòisichidh 1590, chuir an Riaghaltas Sasannach Ceannas Roinneil air dòigh an ann Cúige Uladh, fo stiùireadh an fhir-imrich Henry Bagenal, a bha a’ fuireach ann an Iúr Cinn Trá. Ann an 1591, chuir Ó Néill am fearg air Bagenal leis gun do ruith e air falbh còmhla ris a phiuthar Mabel, ach ann an 1593, sheall e cho dìlseach ‘s a bha e thuca is e a’ cur taic armachd dhan a chliamhainn an aghaidh Aodh Mag Uidhir, an am Béal Leice. An dèidh bàs Mhabel, mean air mhean rachadh Ó Néill an aghaidh a’ chrùin gu dìomhair, is thoisich e taic iarraidh bhon An Spàinn agus Alba. Ann an 1595, chaidh John Norreys a chuir a-nall gu Éirinn le feachd mòr gus gèill a thoirt airsan, ach b’ fheudar do dh’ Ó Néill an daingneach aig Cluain-Dabhail a ghlacadh, mus b’ urrainn do Norris fiù ’s na daoine aige a dheasachadh. Chaidh Ó Néill ainmeachadh na bhrathadair ann an Dún Dealgan, gu grad. Seo an sradag a thoisich Cogadh nan Naoi Bliadhna.

Leanadh Ó Néill am poileasaidh a thoisich uncail Séain: bheireadh e armachd dhan mhuinntir, an àite a chuid earbsa a chur ann an saighdearan-duais. Le sin, b’ urrainn dha feachd anabarrach mòr fhastadh, a bharrachd air taic solarachadh fhaighinn bhon An Spàinn is Alba, rud a leig dha fàth a ghabhail air buidheann dhe cha mhòr dà mìle Sasannaich aig Cath Chluain Tiobrad. Tabhainn esan is càch Crùn na h-Èireann gu Felipe II na Spàinne, ach dhiùlt e e.

A dh’aindeoin am mì-rùn traidiseanta a bh’ ann eadar na Néilleaich agus na Dónaillich, rinn Ó Néill caidreabhas còmhla ri Aodh Rua Ó Dónaill, mac Aoidh, an t-seann caidreabhach is nàmhaid Shéain. Sgrìobh an dithis aca chun an Rìgh Felipe II na Spàinne. Anns na litrichean aca - cheap is leugh Sir William Russel feadhainn - dh’innis iad dhan Rìgh gur e luchd-dìona na h-Eaglais Chaitligeach a bh’ annta, is iad ag iarraidh saorsa chreideamh is poilitigeach do na Tùsanaich ann an Èirinn. Sa Ghiblean 1596, Gheall na Spàinntich gun toireadh iad taic dha na reubaltaich, is an uair sin chuir Ó Néill roimhe beagan dhe tìm fhaighinn, is e a’ gealltainn dìlse gu Crùn Shasainn nuair a b’ fheudar dha. Le sin, b’ urrainn do dh’ Ó Néill na Sasannaich a chumail fada air falbh bhon chuid fhearainn aige fad còrr is dà bhliadhna.

Cho-dhùin Ealasaid I mathas foirmeil a thoirt do dh' Ó Néill is chuireadh crìoch air an còmhstri ann an 1598. Ach an ceann dà mhìos, mhill e arm Sasannach dhe 4,000 duine aig Cath Bhéal-an-Átha-Buí, ri taobh na h-Aibhne Chluain-dabhail, far a bhàsaich Henry Bagenal fhèin. ‘S e an call na bu mhiosa a dh’fhulaing Feachdan Shasainn ann an Èirinn a-riamh a bh’ ann. Nam b’ urrainn don Iarla fàth a ghabhail air a bhuannachd ’s dòcha gum faodadh e cumhachd Shasainn san dùthaich a lagachadh, leis gu robh mìothlachd air a bhith ga sgaoileadh air feadh na tìre – gu h-àraidh ann an ceann a deas far an robh Seumas Tómas Mac Gearailt ag iarraidh a chuid chòirichean mar Iarla Dheasmhumhain. A dh’aindeoin sin, bha feum aig Ó Néill air taic bho thall thairis agus, ged an robh e a’ fàs cliùiteach mar shaighdear air fead na Roinn-Eòrpa, cha bhiodh sin gu leòr co-dhiù.

An ceann ochd mìos an dèidh Chath Bhéal-an-Átha-Buí, chaidh Riaghladair Sasannach ùr gu tìr ann an Èirinn, fear air an robh Iarla Essex, is na feachdan na bu mhotha a chuir na Sasannaich thall a-riamh còmhla ris, mu 17,000 duine. Lean esan òrdughan dìreach bhon a' bhànrighinn ach an dèidh iomairt gun shoirbheachas ann an ceann a deas na dùthcha, b' fheudar dhàsan còmhraidhean fhaighinn leis an Iarla Thír Eoghain, a ghabh àite ann an daingneach ann an Lagáin air 7 an t-Sultain 1599, far a rèiteachadh sgur-cogaidh. Gu mì-fhortanach dha, cha do chòrd sin idir leis a' bhànrighinn. Shiubhal an Riaghladair air ais gu Lunnainn, is e a' dèanamh oidhirp ainm a shàbhaladh. An dèidh dà bhliadhna làn mathanas is ar-a-mach ùr, fiù ’s dh'fheuch e ri ionnsaigh a thoirt air an Tùr Lunnainn, an aghaidh miannan na bànrighinn, is le sin chaidh e a chur gu bàs.

Bha Ealasaid I ann an suidheachadh duilich. ‘S e ceist seilbhe a’ chrùin a bha aig cnag na cùise ann am poileataigs aig an àm, agus bha Ó Néill air ruaig a chur air na ceannardan na b' ainmeile aice turas an dèidh turais, is an Cogadh Spàinnteach - Sasannach a’ leantainn cuideachd. Bha an Iarla reubaltach fhathast a’ toirt taic do na ceannardan Ghàidhealach ann an Cúige Mumhan, is fiù ’s dh’fhoillsich e gairm-fhollaiseach airson na Caitligich ann an Èirinn, is e a’ brosnachadh ar-a-mach ann an ainm na h-Eaglaise. An dèidh iomairt ann an Cúige Mumhan ann an 1600, far an do mhill e an colonaidh Sasannach, rinn e air Dun na nGall, far an d’fhuair e solarachd bhon An Spàinn agus taic Bhon a’ Phàp Clemens VIII. ‘S e an Iosaideach James Archer a bha na riochdaire thall ri beulaibh Rìgh na Spàinne.

Mu dheireadh thall, anns a’ Chèitean 1600, fhuair na Sasannaich làmh an uachdair nuair an tàinig aig Sir Henry Dowcra air a chur gu tìr faisg air Doire ann an Tír Chonaill, is e os cionn feachd mòr, buidheachas do Niall Garbh Ó Dónaill. Aig an aon àm, bha an Riaghladair ùr, Charles Blount, VIIImh Iarla Mountjoy (caraid Essex), air an t-slighe bhon Iarmhí gu ruige Iúr Cinn Trá airson ga chuideachadh. Chuir sin mar fhiachaibh air Ó Néill dhol air ais gu Ard Mhacha. Chuireadh duais mhòr gus an Reubaltach a ghlacadh, marbh neo beò.

Ràinig taic bhon An Spàinn san Dàmhair 1601, feachdan fo Juan del Águila, a ghabh thairis Cionn tSáile, shìos ann an ceann a deas an eilein. Rinn Mountjoy air leis a chuid shaighdearan, is le sin b’ fheudar do dh’ Ó Néill agus Ó Dónaill am casan a thoirt leotha fa leth tro na tìrean a bha fo bhuaidh George Carew ann am meadhan cruaidh a’ gheamhraidh. Thàinig an dithis cheannard ri chèile a-rithist ann an Droichead na Bandan is dh’fheuch iad ris an arm Sasannach a dhùnadh a-steach, nuair a bha iad fhèin a’ cuairteachadh nan Spàinnteach. Bha na Sasannaich sgìth agus tinn, agus bha am beatha sa champa gu math doirbh leis cho cruaidh ‘s a bha an geamhradh. A dh’aindeoin sin, chuireadh ruaig air an arm aig Ó Néill ann an ùine ghoirid leis nach fhaodadh iad còmhradh a dheànamh leis a’ ghearasdan Spàinnteach agus air sgàth gun do rinn na Gàidheil mearachd mhòr ri linn ionnsaigh eich nan Sasannach. Theich na Gàidheil is thug an Ceannardan Spàinnteach gèill. ‘S e truaighe dhòrainneach dhoirbh do dh’ Ó Néill a bh’ann an Cath Chionn tSáile, is chaill e gu tùr a h-uile cothrom ris a’ Chogadh a bhuannachadh.

Theich Ó Dónaill chun na Spàinne an dèidh na truaighe ann an Cionn tSáile gus taic a lorg an siud, ach chaochail e an ceann goirid (tha amharas ann do nimhich fear-bràthaich Sasannach e). Leis an t-arm aige air a lùghdachadh, rinn Ó Néill an ceum air ais gu Cúige Uladh, far an tug e gèill chun a’ chrùin is dh’iarr e mathanas rìoghail oir bha e a’ feuchainn ris na h-oighreachdan aige a dhìon. Thug feachdan Shasainn ionnsaighean air Cúige Uladh ann an iomairtean fad 16011602, a lagaich suidheachadh Ui Néill agus dh’adhbhraich sin a’ ghoirt eadar muinntir na sgìre. Aig toiseach a’ bhliadhna 1603, thug Ealasaid I àithne do Mhountjoy gun thòisich e ri rèiteachadh a dhèanamh leis an Reubaltach. Chuir e ceann air sin nuair an tug Ó Néill thairis gu tur anns a’ Ghiblean. Chaidh Ó Néill gu Baile Átha Cliath còmhla ri Mountjoy, far a chuala e mu dheidhinn chrùnadh Sheumais I, fear-ionaid Ealasaid I. Nochd e ri beulaibh an Rìgh ùr san Ògmhios, còmhla ri Ruairí Ó Dónaill, fear-ionlaid a bhràthar, Aodh Rua Ruairí Ó Dónaill. Thug am monarc deagh fhàilte oirbh, ged nach do chòrd sin idir leis na h-uachdarain.

Ged an robh na tiotalan is na h-oighreachdan aig Ó Néill air an co-dhaingeachadh, thoisich an crùn ri bacadh a chuir air a chuid chòirichean is cumhachd, tro mheadhan an lagha. A bharrachd air sin, bha Ó Néill an sàs ann an connspaid còmhla ri feadhainn dhe na seann ìochdarain aige, mar Dónal Ó Cathain, gnothach a mhair gu ruige 1607. Dìreach an uair sin, cho-dhùin Ó Néill gun iarradh air an Rìgh an gnothach a rèiteachadh, ach fhuair e fios gum bìte ga chur an greim is, le Ruairí Ó Dónaill ga bhrosnachadh, chuir Aodh roimhe gun teicheadh e thall thairis còmhla ri Ruairí, an tachartas a chanas Teicheadh nan Iarla (Gaeilge: Imeacht na nIarlaí) an-diugh. Ghabh àite Teicheadh nan Iarla, fear dhe na tachartasan na b’ ainmeile ann an Eachdraidh na h-Èireann air fad, air oidhche an 14 an t-Sultain 1607, nuair a chaidh Ó Dónaill agus Ó Néill, còmhla ri an teaghlaichean is luchd-leantainn aca, air bàta ann an Ráth Maoláin is iad a’ dol chun na Spàinne, far an robh dùil aca taic fhaighinn bhon Rìgh Felipe III. Gu mì-fhortanach, chaill am bàta an cùrsa air sgàth cho làidir ‘s a bha a’ ghaoth, is b’ feudar dhaibh teàrnadh a lorg air Inbhir na h-Aibhne Seine, is chuir iad seachad a’ gheamhraidh anns Na Tìrean Ìsle. Ràinig iad An Ròimh sa Ghiblean 1608 far an d’ fhuair iad deagh fhàilte bho Phàpa Pòl V. Chaochail Ó Dónaill sa bhliadhna sin ann am baile bith-bhuan. Dh’fhàillig iad taic fhaighinn bhon An Spàinn, leis gu robh Felipe III airson sìth a chumail còmhla ri Sasainn nan Stiùbhartach, air sgàth gu robh an dùthaich aige ann an staing an eaconomaidh is an loingeas aige air a mhilleadh leis na h-Òlaindich aig Chath Ghiobraltair. Tha sin a’ sealltainn dhuinn cho neònach faoin ‘s a bha Teicheadh nan Iarla.

Chaidh binn thoirmisg a thoirt air Ó Néill le Pàrlamaid Shasannach na h-Èireann ann an 1613. Chaochail e anns An Ròimh air an 20 an t-Iuchar 1616. Dh’fheuch e ri tilleadh gu Èirinn iomadh turas fad na naoi bliadhna a bha e na fhògarrach, ann an dàrna làmh tro mhathanas a’ chrùin iarraidh is air an làmh eile tro chuid chumhachd a’ Chrùin a lagachadh. Nuair a bhàsaich e, bha bàird oifigeil na h-Èireann an sàs ann an farpais bhàrdachd chonnspaideach air a bheil Sabaid nam Bàrd.

Phòs Ó Néill ceithir tursan is fhuair e mòran duine chloinne, feadhainn dligheach agus feadhainn neo-dhligheach. B’ e Seán Ó Néill am fear na bu chliùiteach dhaibh, a bha an sàs ann an Cogaidhean na Flànrais[6] mar cheannard rèisimeid is e a’ dìon gnothaichean na Spàinne agus Felipe III. Dh’ainmich an Rìgh 4mh Iarla Thír Eoghain e ann an 1616.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. UCC
  2. Library Ireland
  3. UCC
  4. Library ireland
  5. Humphrys Family Tree
  6. SMO