An t-Òban

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o An t-Oban)
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Lamraig tuath an t-Oban

Tha An t-Òban na bhaile agus na cheann-ùidhe turasachd coiteanta air an Iar-Ghaidhealtachd. 'S e An t-Òban am prìomh-bhaile airson Lathurnach, agus tha e suidhichte ann an taobh a tuath Comhairle Earra-Ghaidheal agus Bhòid. Tha a' Ghàidhlig aig deich sa cheud duine anns a' bhaile is cha do rugadh dà sa cheud den dhaoine seo ann an Alba. 'S e port cudromach a th' ann leis an dà chuid bàtaichean-èisg agus na h-aiseagan aig Caledonian Mac a' Bhruthainn a' siubhal ris na h-eileanan bhuaithe. Canaidh muinntir an Òbain gur e am prìomh-bhaile neo-oifigeil na h-iar-Ghaidhealtachd ach cha ghabhadh muinntir a' Ghearasdain ris an sin.


Susbaint

Cruinn-eòlas [deasaich]

Tha baile an Obain, 's e sin am bàgh (òb) bheag, air a shuidheachadh air bàigh aig ceann a deas An Linne Lathurna, mu choinneamh Cearrara agus ann an amharc an eilein mhòir Mhuileich. 'S e am baile as motha a th' ann eadar Baile Eilidh is An Gearastan.

Tachartasan [deasaich]

Bha am Mòd Nàiseanta Rioghail anns an Òban ann an 2003. Bha e ann a-rithist anns a' bhliadhna 2009 [1]

Bailtean Co-cheangailte [deasaich]

Iomradh [deasaich]

  1. Duilleag oifigeil a' Mhòid (Gàidhlig)
  2. SisterCities