An deasbaireachd aig Uicipeid:Doras na coimhearsnachd

Page contents not supported in other languages.
O Uicipeid

Cur a-mach[deasaich an tùs]

Halò. Tha mi ùr an seo agus a' gearainn mar-thà. Dè ur beachd air "Cur a-mach" airson log out. Chan eil mi cho toilichte leis air sgàth 's gu bheil e a' ciallachadh Cur a-mach ma tha tinneas stamaig ort. Dè mu dheidhinn falbh, a-mach, rach a-mach, thèirig a-mach no rud mar sin. Is dòcha gun robh deasbad mu dheidhinn sin ann mar-thà... Dè tha sibh a' smaoineachadh?

Bhiodh clàraich a-mach na b'fheàrr nam bharail-sa.Tha làraich eile a'cleachdadh "log" a-mach cuideachd. --Steaphan30 17:23, 1 January 2008 (UTC)
Cha toil leam-sa "Log" a-mach, b'fheàrr leam facail Gàidhlig--Sionnach 21:20, 1 January 2008 (UTC)

Duille mòr?[deasaich an tùs]

Ma tha sinn a' bruidhinn mu rudan mar seo, dè ur beachd air "Duille mòr"? Dè mu dheidhinn: "Duilleag mhòr" neo "Prìomh-dhuilleag" airson "Mainpage"?--Sionnach 21:20, 1 January 2008 (UTC)

Is toil leam Prìomh-Dhuilleag. Each-uisge
Agus tha mise a' dol le sin cuideachd. Tha "Duille Mòr" air a bhith a' cur dragh orm fad poile oir:
  • bu choir dha bhith "Duille Mhòr". 'S ann boireanta a tha "duille" nach eil? agus ...
  • tha ciall eile aice nach robh an dùil, is cinnteach!
Am Fiosaigear 22:43, 3 January 2008 (UTC)
Pìt' air iteag! Tha thu ceart, tha ciall eile air! 'S i duilleag a bu chòir a bhith air! Tha Prìomh-Dhuilleag math dhomhsa!

Permanent Link?[deasaich an tùs]

Dè mu dheidhinn "Ceangal maireannach" airson "Permanent Link" (air ur làimh clì).--Sionnach 21:20, 1 January 2008 (UTC)

Faclan eile sa Bheurla[deasaich an tùs]

A bheil eadar-theangachadh math agaibh airson:

  • Cite this page
  • User contributions
  • E-mail this user
  • Logs

Tha mi deònach na faclan atharrachadh anns an "Interface", ach chan eil mi cinnteach mu na faclan as fheàrr anns a' Ghàidhlig. --Sionnach 19:21, 15 an Gearran 2008 (UTC)

Ma bhios a' Bheurla agam ceart, mholainnsa
Thoir iomradh air an duilleag seo no dìreach "Leig fios mun duilleag seo" a chur air *cite this page.
Tabhartasan luchd-cleachdaidh air *User contributions ('S e tabhartas a' Ghàidhlig air "donation" cuideachd, mar sin, ma 's e rud eile a th' ann an "User contributions", mholainn-sa rudeigin mar "Obair luchd-cleachdaidh" no "Saothair luchd-cleachdaidh".
Cuir p-d dhan neach-cleachdaidh seo air *E-mail this user
agus clàraidhean air *Logs --Steaphan30 02:29, 16 an Gearran 2008 (UTC)

Note that any administrator can make the changes discussed above via "Duilleagan àraidh/Uile teachdaireachdan an t-siostam ". So please feel free. Although some of the current messages were translated by User:Eoghan who is a native speaker, others were translated by me (not a native speaker!) with the aid of a dictionary and definitely need to be redone. Also many messages have been added more recently by the Wikimedia developers and therefore have never been translated into Gaelic. -- Derek Ross | deasbair 04:32, 4 January 2008 (UTC)

Faclan Coimpiutaireachd[deasaich an tùs]

An e sin àite ceart airson na ceastaichean seo?

Tha mi ag obair air duilleagan coimpiutaireachd ach tha duilgheadas cànain agam. Dè ur bheachd air na faclan seo:

  • Prìomh Aonad Àireamhair air Central Processing Unit / Computer Processor / CPU
  • Bòrd-mathair air Motherboard
  • Draibh Cruaidh air Hard Disk / Diosg Cruaidh
  • Inneal-Spreagaidh air Boot Loader

Chan eil mi airson eadar-theangachaidh a chur air RAM agus ROM.

--Morag 19:58, 26 dhen Lùnastal 2011 (UTC)[reply]

Tha cuid mhòr dhe na faclan seo san Fhaclair Bheag [1]. Chan eil mi cinnteach mun boot loader ge-tà. Cha tuig duine sam bith inneal-spreagaidh. Bhithinn-sa fhìn nas toilichte le "luchdaichear bùtachaidh", tha sin nas soilleir do chuideigin nach do leugh an duilleag seo :) Akerbeltz 21:00, 26 dhen Lùnastal 2011 (UTC)[reply]

Litreachas as cumanta air "Indo-European"[deasaich an tùs]

'S e Roinn-seòrsa a th' air

  • Category:Cànain Ind-Eòrpach
  • Category:Cànanan Ind-Eòrpach

agus aithrisean mu

Tha e "Innd-Eòrpach" agus "Innd-Eòrpais" a th' ann am Faclair Beag.

Dè an litreachas as cumanta no ceart a th' air "Indo"?

--Morag 18:55, 27 dhen Lùnastal 2011 (UTC)[reply]

Deagh cheist: "Ind-Eòrpach" a-rèir Briathrachas Cànanach le Roy Wentworth agus Colin Mark; "Indo-Eòrpach" a-rèir A. Watson. Saoilidh mi gu bheil Ind-Eòrpach nas cumanta. Ach dè nì sinn mun iolra: "Cànain" no "cànanan" airson roinn-seòrsa?--Sionnach 21:27, 27 dhen Lùnastal 2011 (UTC)[reply]
Cha robh fhios agam air Briathrachas Cànanach. The e a' coimhead gu math feumail. Atharraichidh mi na roinn-seòrsa airson Ind-Eòrpach. Tha mi cinnteach nach eil duilleagan ceangailte ri Cànanan Ind-Eòrpach.
Anns mo bheachd, bu chòir dhuinn air a bhith cleachdadh "cànain". Nach eil i nas cumanta na laithean seo?
--Morag 23:09, 27 dhen Lùnastal 2011 (UTC)[reply]
Bhithinn car faiceallach leis an liosta sin. Bha Roy 'na dhuine còir còir ach tha cuid a dh'fhaclan ann a tha feumach air deasbad, thug e mòran dhiubh on Ghaeilge agus tha feadhainn eile ann nach eil buileach ciallach. Tha a' Ghàidhlig a' dol -nn- le freumh Ind- (cf. Innseanach, Innseachan...) agus tha Innd-Eòrpach a' glèidheadh a' cheangail sin. Tha e nas fhearr gun a bhith toirt a-steach freumhan ùra, mas urrainn dhuinn. Sin mo 2sg Akerbeltz 09:45, 28 dhen Lùnastal 2011 (UTC)[reply]

Facal Ceart a th' air "Germanic"[deasaich an tùs]

Anns an aiste Cànan tha am facal "Gearmailteach" a th' air "Germanic" ach tha mi air am beachd gu bheil "Gearmanach" nas fheàrr. Tha ciall eadar-dhealaichte a th' air "German" agus "Germanic". Beachdan sam bith?

--Morag 19:04, 27 dhen Lùnastal 2011 (UTC)[reply]

Cha do lorg mi facal sam bith airson "Germanic", agus tha "Gearmanach" a' coimhead ceart gu leòr dhomh. --Sionnach 21:31, 27 dhen Lùnastal 2011 (UTC)[reply]
Lorg mi "Gearmaineach" agus "cànain Ghearmaineach" ann an leabhar le Wentworth (fo German). Cleachdaidh mi i.
--Morag 23:11, 27 dhen Lùnastal 2011 (UTC)[reply]

Howard Phillips[2] Lovecraft: Sgrìobhaiche sgeulachdan goiride oillteile[deasaich an tùs]

Ùghdar a dh' fhàg buaidh mhòr air an fheadhainn an thàinig às a dhèidh

S e bh' ann an Howard Philip Lovecraft ach fear a rugadh ann an 1890 sna Stàitean Aonaichte, gu pàrantan nach do thuig am mac-san a bu chumanta.'''

Roimh-ràdh:

Ged nach b' aithne dhan a' mhòr chuid an t-ainm an latha aige fhèin, no an latha an-diugh, thug e buaidh air cuid sgrìobhaichean mar Stephen King, a rinneadh deagh iomradh air na sgilean agus an lèirsinn aig Lovecraft. Air ainmichte le King mar “The 20th Century horror story's dark and baroque prince”, cha d' fhuair agus cha do chòrd tòrr na sgrìobh e leis a' chuid co-aimseireil , a rinn fanaid air cho toinnte sa bha obair, cho “do-chreidsinneach 's cho leanabail” cuspairean sgeulachdan a bh' aige. Ach na b' anmoiche san 20mh linn, le tuigse na bu dhoimhne agus connspaidean nach rachadh air falbh air gu dè cho pailt a bhiodh a' chruinne-cè, nan ruigeamaid dhan speuran ann an soitheachan fanais, dh' èirich ùidh ann an sgeulachdan os-nadarrach “The Dunwich Horror”, “Re-animator”, agus “From Beyond” a fhuaireadh dreachdan às ùr ann an cruth fhiolmaichean. Ach dè bh' air obraichean aige stèidhichte?

Bliadhnaichean tràtha:

Fhad agus a dh'èirich e shuas, chaidh bunaitean a chur air an inntinn eas-chruthach aige, nuair a dh' innis a mhàthair dha (a-rèir thùsan) – agus chan e nach tric a bha seo – gum b' e paiste grannda a bh' ann. Nochdadh seo anns a' chiad sgeulachd aige, “The Outsider”, 's e fhèin air èideadh mar uilbheist – a' phrìomh charactar – agus e a' sìreadh comhurt nach fhaigheadh e ach leis fhèin. Aig dèireadh na pìosa, thachair an uilebheist ri sgàthan, an companaich a mhàin a lorgadh e na bheatha.

Bu bhochd nach robh sinn uile gu lèir na bu chomasaiche air stàid inntinn leanbhan a rannsachadh mus toireamaid ar barail-ne dhaibh!

Ach cha do chur seo Lovecraft bhàrr na slighe air an do ghabh e, agus ann an ceartuair, mar shreath phèilearan à gunna, agus gun sgur gu latha a' bhàis, chùm e e fhèin trang ag obair air saoghal – no na bu chumsiche, Cruinne-cè – anns an do chur e mar shìl ri taobh glumaige san fhàsach, creutairean a thuinich ann am mac-meanmna thruaillichte a thigeadh gu beatha eagalaich air duilleagan a shìleadh le iomraidhean air rùn-dìomhairean a chùmte bhuainn leis ar n-an-fhiosrach agus ar n-aineòlas, gus a' mhomaid ud nuair a tharraingeadh na saidheansan ri chèile gach pìos a dh' ionnsaich sinn mun fhanais. An uairsin, rachadh ar sùilean fosgladh, 's ar fàgail mar leanbhan – car coltach ris an staid inntinn, theagamh, an ùghdair bhochd, a' leum bho dh'fhèin-ghràin gu ìre mòr às fhèin.

An cois seo, 's e an eagal a bu treasa a ruitheas tron obrach aige, tha mì-thuigse na gnè eile. Cha do phòs e riamh, 's bha soirbheachas a fhuair e ro fhadalach air a shon. Cha do bhlas e an dà chuid urram co-aimsireil, no leughadaireachd chumanta.

Gun teagamh, ged-thà, nam broinn nan uile a chaidh a sgrìobhadh leis, tha stuth seasmach a bhuineas rinn uile, air no cha b' urrainn dhan sgeulachdan a bhith ath-fhoillseachadh corra uair, bhon d' fhuair e bàs gu dùnadh taigh-fhoillsichidh a rinn leth-bhric dhen sgeulachdan ann an cruth cruaidh.

Tèamannan:

Am measg na feadhainn seo, bha sgeulachd a chanadh chuid a bha “fàidheadarachd”, “The Colour Out Of Space”. Ge b' e dè cho àbhaisteach agus no-àraidh tiotal a tha seo, mar a thèid tachartas air adhart bho thighinn reul-earball gu talamh, dh'fhàsadh beathaichean, an fhearann, agus na lùsan gu crìoch coltach ri èifeachdan crìonaidh fo bhuaidh stuth rèidio-beò. 'S e rud as eagalaiche mun rud a rinn an cron, 's e nach e ach dath, seach ainmhidh choimheach no lùs choimheach.

Anns an aon dòigh, chunnaic e tìm a' sìneadh bith-bhuain, ach lùbach, agus thug e iomradh gu tric air cultaran àrsaidh mus tàinig sinn gu “fèin-mothachaidh”. Chruthaich e a' ghnè seo leis fhèin, agus os làimhe fhèin, rud nach idir beag. Lean chuid sgrìobhadaichean agus deasaichean bliadhnaichean às a dhèidh anns a bhith dèiligeadh le ciamar a sheallas mac-an-duine air fhèin, dè as ciall dha "eagal": an e doirteadh-fala no rud ris nach beanar gu cruaidh, eagal mun eagal fhèin, eagal stèidhichte air oillt cus fiosrachaidh a bhith air a thaisbeanadh dhuinn ro thràth, mus tig ar tuigse mean air mhean gu lèir-eòlais air a' Chruinne-cè. Tha na tha falaichte bhuainn a' cheart cho cunnartach dar slàinte agus a tha na tha againn mar deidhinn fhìn.

Theagamh gun do dh' èirich cùspairean nan sgeulachdan bho eagal gun do thuig Lovecraft ro-mhath air bèistichean chromte sna dorchadas inntinn-san, agus cha robh dòigh seach dòigh fosgailte dha gus deamhainn na h-aigne fhuasgladh bhon phrìosan a bu dhorcha aige ach trè sgrìobhaidh. Sin cnàg na cùise, gun robh eagal ro-mhòr air agus an cuid thrannsairean ghruamacha a sgaoileadh na bha nam broinn, air saoghal nach deiseil dhaibh.

Chaochail e ann an 1937, gun chliù a shìr e, gun airgead a bhitheadh ga chumail ann am beò-shlàinte.

Ach ma mheasas sgrìobhaichean a leithid Stephen King am measg nam feadhainn a bu shoirbheachaile a riamh, cò sinne a bhitheas a' cur na aghaidh?

(Chan eil seo ach beagan daibhearsan; chan e ach cuairt-smuaintean a bh' agam fhìn, ge brith a tha iad gun ùghdaras agus eisimleil air carthannas bheachdan aig an leughadair).