An deasbaireachd aig Uicipeid:Ainmean leabhraichean

Page contents not supported in other languages.
O Uicipeid

Ainmean leabhraichean[deasaich an tùs]

Bha mi coimhead air Lucía Etxebarría 's cha chreid mi gum b' fheairrde dhuinn Gàidhlig a chur air ainmean leabhraichean nach deach am foillseachadh innte. Ma tha sin son mìneachadh Gàidhlig a chur ris, chanainn gum bu còir dhuinn am pàtran ainm tùsail ("eadar-theangachadh Gàidhlig") a chleachdadh, m.e. The Lord of the Rings ("rìgh nam fàinneachan"). Nam biodh tu airson leabhar sam bith mar sin a cheannach, chuireadh e droil thu mura biodh agad ach a' Ghàidhlig, gu h-àraidh le rud mar Ann an gàirdeanan a’ mhnatha fhetis. Dè ur beachd? Akerbeltz (talk) 17:17, 22 dhen Ògmhios 2012 (UTC)[reply]

Tha mi a' dol leat. Dè mu dheidhinn, ma bhios eadar-theangachadh nan leabhraichean gu Beurla ann cuideachd? Ann an Gerhart Johann Robert Hauptmann chuir mi an dà chuid ann còmhla ris an ainm Ghearmailteach, le mìneachadh ann an Gàidhlig, cho fad 's a bha fios agam co-dhiù.
Is dòcha gu bheil an cuspair seo nas fheàrr ann an Doras na Coimhearsnachd? --Sionnach (talk) 08:13, 23 dhen Ògmhios 2012 (UTC)[reply]
Bhiodh. Tha mi an-còmhnaidh tro chèile a thaobh an dà dhuilleag >.< Akerbeltz (talk) 17:32, 23 dhen Ògmhios 2012 (UTC)[reply]
Ged a chruthaich mi m.e. Mìorbhail (nobhail), feumaidh mi aideachadh gur ann beachd math a tha agaibh, gu h-àraidh as dèidh dhomh an liosta aig Leo Tolstoy fhaicinn. ("Bàs Ivan Ilych", o mo chreach :).) 'S dòcha gum faod seo a bhith ann am poileasaidh eile? Bhiodh e feumail airson òrain, filmichean ⁊c cuideachd. --Thrissel (talk) 12:03, 24 dhen Ògmhios 2012 (UTC)[reply]
Bhithinn toilichte a chur ris na poileasaidhean againn. Akerbeltz (talk) 12:15, 24 dhen Ògmhios 2012 (UTC)[reply]

Uill, thionndaidh mi liosta nan sgrìobhaidhean Tolstoj mar seo [1], 's dòcha gum b' urrainn dhuinn tòiseachadh bho seo. Dè ur beachdan? (Feumaidh mi aideachadh nach do chòrd na camagan ceàrnag rium - 's dòcha gum biodh e na b' fheàrr às an aonais?) Cuideachd, chanainn gum biodh e math nan canadh am poileasaidh a dh'aona-ghnothach air dè a bhios buaidh aice (leabhraichean, òrain, albaman, filmichean, dràmathan, prògraman TBh, dealbhan - a h-uile dhiubh seo? rudeigin eile?), agus nam biodh riaghailtean sònraichte ann airson tiotalan aistean. --Thrissel (talk) 23:12, 14 dhen Mhàrt 2013 (UTC)[reply]

Tha e beagan nas dorra riaghailtean a stèidheachadh airson gach ainm aiste a chionn 's gum bi buaidh aig diofar rudan air a sin, chanainn. A thaobh an tar-litreachaidh, chanainn gum b' fheairrde dhuinn teamplaid IPA agus teamplaid tar-litreachaidh mar a tha ri làimh air Uicipeid na Beurla.
'S e ceist dhuilich a th' ann, a bharrachd air sin, a thaobh dè nì sinn ma tha aiste neo-eisimeileach ann air leabhar nach eil ri fhaighinn sa Ghàidhlig. A' coimhead air seo [2] (na ceanglaichean) chanainn gu bheil cuid mhath dhe na h-uicipeidean a' cleachdadh eadar-theangachadh ainm an leabhair (fiù mur an leabhar air eadar-theangachadh) ma tha aiste neo-eisimeileach ann. Mar sin dheth, Cogadh is Sìth agus Na Cosacaich? Akerbeltz (talk) 11:18, 17 dhen Mhàrt 2013 (UTC)[reply]
Seadh, agus tha ceist eile am bu chòir sinn dèiligeadh ri tiotalan sa Bheurla coltach ri tiotalan sa chànanan eile. Chan aithe dhomh teamplaid tar-litreachaidh ann an en-wiki ach chanainn gum biodh IPA fada na b' fheàrr na ISO-9 airson tiotalan san Ruisis amsaa. Mu dheidhinn Uicipeidean eile... air an dàrna làimh, cha bu mhath leam a' dol an aghaidh chleachdaidhean a tha stèidichte gun umhail do chànan, air an làimh eile, tha e coltach gu bheil bùrach sna feadhainn eile cuideachd, m.e. [3].
'S dòcha gum biodh e math liosta nan roghainnean a dhèanamh an toiseach:
  1. Tiotal Gàidhlig: gu follaiseach, sa Ghàidhlig, chanainn nach eil feum air eadar-theangachadh Beurla ann.
  2. Tiotal sa chànan eile a nochd an clò mar eadar-theangachadh sa Ghàidhlig: mholainn am pàtran "ainm Gàidhlig (ainm tùsail)", gun ainm Beurla.
  3. Tiotal Beurla: mholainn "ainm Beurla", gun eadar-theangachadh. Chan eil beachd làidir agam an-dràsta mu ainm aiste - The Pickwick Papers no Na Pàipearan Pickwick? Animal Farm no Tuathanas Ainmidhean? 'S dòcha gum b' fheàrr leam an t-ainm tùsail Beurla ge-tà.
  4. Tiotal sa chànan eile a' cleachdadh aibidil Laideann: mholainn "ainm tùsail (eadar-theangachadh Gàidhlig (+eadar-theangachadh Beurla ma chaidh an tiotal fhoillseachadh sa Bheurla))". Far a bheil aiste neo-eisimeileach, 's mathaid gum biodh e na b' fheàrr am pàtran sin atharrachadh gu "ainm aiste (ainm sa chànain eile)". Chan eil beachd làidir agam an-dràsta mu ainm na h-aiste - Les Misérables no Na Truaghan? Die Leiden des jungen Werther no Na Bròin aig Werther Òg? Bhithinn an aghaidh ainm Beurla ge-tà, m.e. The Sorrows of Young Werther.
  5. Tiotal sa chànan le aibidil eile - mholainn "ainm tùsail (IPA, eadar-theangachadh Gàidhlig (+eadar-theangachadh Beurla ma chaidh an tiotal fhoillseachadh sa Bheurla))". A-rithist, far a bheil aiste neo-eisimeileach, 's mathaid "ainm aiste (ainm tùsail, IPA, Beurla ma bha e an clò)" an àite sin. Ach chan eil beachd agam idir an-dràsta mu ainm na h-aiste - Война и мир? Cogadh is Sìth? --Thrissel (talk) 18:57, 17 dhen Mhàrt 2013 (UTC)[reply]
Mholainn an tiotal ann an tar-litreachadh oifigeach le redirects, m.e. Voyna i mir agus redirects o War and peace agus Cogadh is sìth. Ma thèid leabhar fhoillseachadh latha air choireigin, 's urrainn dhuinn sinn a ghluasad. Dè do bheachd? Akerbeltz (talk) 00:25, 29 dhen Mhàrt 2013 (UTC)[reply]
So, (a) ainm aiste Vojna i mir/Das Schloss le ath-threòrachaidhean o Cogadh is Sìth/An Caisteal (nobhail) agus War and Peace/The Castle (novel), agus nam biodh eadar-theangachadh Gàdhlig ann, Cogadh is Sìth/An Caisteal (nobhail) le ath-threòrachaidhean o chàch, gun fheum air ath-threòrachadh o Война и мир, agus (b) ann an liosta ainm na h-aiste fhèin, agus na dreachdan eile ann an camagan? Glè mhath, chan bhithinn an aghaidh sin. --Thrissel (talk) 18:10, 29 dhen Mhàrt 2013 (UTC)[reply]

Seadh, ach dè liosta? Ò, ma tha liosta nan obraichean air duilleag ùghdair? Seadh, chanainn gun obraich an dearbh rud, cha mhòr, can

  • Voina i mir (cogadh is sìth)

le no as aonais an litreachaidh tùsail mar a thograr. Akerbeltz (talk) 18:16, 29 dhen Mhàrt 2013 (UTC)[reply]

Uill, chruthaich mi dreachd - beachdan? --Thrissel (talk) 16:24, 1 dhen Ghiblean 2013 (UTC)[reply]
Tha mise leagte ris, chanainn. Cleachdamaid e 's chì sinn a bheil feum air a chur air gleus ach obraichidh e san fharsaingeachd, chanainn. Akerbeltz (talk) 12:09, 2 dhen Ghiblean 2013 (UTC)[reply]
Glè mhath, fuirichidh mi seachdain agus mura bhios gearan ann, sguabaidh mi às an "rabhadh: dreachd". --Thrissel (talk) 16:19, 3 dhen Ghiblean 2013 (UTC)[reply]
Dèanta. Ma thig sinn air trioblaid sam bith, faodaidh sinn cnuasachadh a-rithist agus na riaghailtean atharrachadh. --Thrissel (talk) 14:46, 10 dhen Ghiblean 2013 (UTC)[reply]