An Tòb

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
An Tòb

Tha An Tòb[1][2] (Beurla: Leverburgh) na bhaile agus port[3] anns Na Hearadh. 'S e an dàrna baile as motha anns na Hearadh, an dèidh an Tairbeirt. 'S e port-mara airson aiseagan a tha ann. An sin tha seirbheis aiseagan a' ruith gu Beàrnaraigh le Caledonian Mac a' Bhruthainn, a' ceangal Na Hearadh ri Uibhist a Tuath.

Ainm a' bhaile [deasaich]

Tha ainm a' bhaile a' tighinn on fhacal Lochlannais hóp "bàgh a tha cuingichte le tìr", an dearbh fhreumh 's a tha aig òb agus òban (cf An t-Òban). A chionn 's nach toigh leis a' Ghàidhlig h aig toiseach facail, chaidh atharrachadh san dà àite ach air dà dhòigh eadar-dhealaichte. Ann an Earra-Ghàidheal, chaidh an /h/ a thoirt air falbh: hóp » òb ach anns na Hearadh, chaidh an /h/ a dhì-shèimheachadh gu /t/[4] ann am pròiseas ris an canar cruadhachadh.

Sin as adhbhair gu bheil an t- toisich a' leantainn ris an fhacal anns gach tuiseal, m.e. Fàilte gun Tòb, muinntir an Tòib is msaa. Tha e air a litreachadh An t-Òb gu mearachdach o àm gu àm.

Ceanglaichean a-mach [deasaich]

Tùsan [deasaich]

  1. Cànan na Hearadh
  2. Am Faclair Beag
  3. Freightlink
  4. Bauer, Michael Blas na Gàidhlig: The Practical Guide to Scottish Gaelic Pronunciation (2011) ISBN 978-1907165009 Akerbeltz