An Coileachan

O Uicipeid
An Coileachan

Druim an ear a' Choileachain
Àirde (m) 923
Àirde (tr) 3,028
air liosta Beinn Rothaich
Suidheachadh
An Coileachan is located in Alba
An Coileachan
An Coileachan (Alba)
Suidheachadh Frìth Fanaich
Mapa cumadh-tìre Landranger 20
Comharradh-clèithe NH24176801

'S e beinn ann am Frìth Fanaich air a’ Ghàidhealtachd a th’ anns A' Choileachan. Tha e 923m de dh'àirde agus 's e Beinn Rothaich a th' ann. Tha e eadar an A835 agus Srath Bran, suidhichte san tuath air Loch Fanaich.

Mar as trice bithear a' dèanamh air a' bheinn seo bho thaobh an ear Loch a' Ghlais-Chàrnaich le bhith ga cheangal le Beinn Liath Mhòr Fanaich, Sgùrr Mòr agus Meall Gorm.[1] Dh'fhaodadh cuideachd coiseachd bho Loidse Fanaich no bho Loch Lùchairt san deas.[2]

Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air beanntan Frìth Fanaich, Achadh an Iasgair, Thoirbheartain, agus Achadh na Seileach.


Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. An Coileachan air Walkhighlands
  2. Ordnance Survey Landranger 20

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]