An Cilgwri

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

Rubha eadar Obair an Afon Dyfrdwy agus Abhainn na Mersidh a tha anns An Cilgwri (Beurla: The Wirral). O chionn fhada bha An Cilgwri anns a' Chymru, ach ó linn nan Normanaich bha e na "cheud" de Siorramachd A' Chaeir (Cheshire), mus 1974, nuair a chaidh e fo sgaile "Bruaich Mherseidh". Chaidh ath-eagarachadh air roinnean ionadail na Sasuinn a-rithis ann an 1996 agus is e Sgire Meatropolitiuil a tha ann an diugh.

Tha na iom-bailtean Penbedw (Birkenhead), Port Sunlight agus Ellesmere Port air bruaich cli na Merseidh, le Wallasey agus New Brighton aig ceann a thuath. Tha West Kirby,Heswall agus Parkgate air cladach na Dyfrdwy. Tha Amharc-lann na Speuran air cnoc Bidston agus b'e luchd-thomhais as an amharc-lann sin a steidhich (ann an 1844) a' chiad chomas-airde (datum) naiseanta do an Ordnance Survey.

Aitich na Lochlannaich An Cilgwri, bha ionad parlamaid ionadail aca aig Thingwall agus tha dileab aca a'nochdadh an ainmean aite eile 's an sgire, Frankby, Greasby, Irby (ged a tha cuid eolaich air ceangail an t-ainm seo leis a' Ghaidhlig "Airigh"), Hilbré (eilean tioram aig West Kirby) agus Wallasey (leth-eilean, roinnte o tir mor le bochlaich sail mus an do thanaig e a bhi na baile iomarail de Poll a' Ghruthain re an 19mh linn.

Innealan pearsanta
Namespaces

Tionndaidhean
Gnìomhan
Seòladh
Clò-bhuail/às-phortaich
Bogsa-innealan
Ann an cànain eile