Am Ploc
'S e baile air a’ Ghàidhealtachd a tha ann am Ploc Loch Aillse no Am Ploc (Beurla: Plockton). [1] Tha am baile suidhichte faisg air Loch Carrann. 'S e seo na co-chomharran aige: 57° 20′ 16.84″ Tuath agus 5° 39′ 8.32″ Iar.
Tha timcheall air 378 duine a' fuireach an seo.
Chaidh an cuid as motha de na taighean a thogail anns an 18mh is 19mh linn. Bha iasgach an gnìomhachas as cudromaiche aig an àm ud. An-diugh tha turasachd gu math làidir anns a' bhaile, gu h-àraidh air sgàth 's gun deach na filmichean TBh: Hamish Macbeth le Robert Carlyle a dhèanamh an seo agus bha mòran daoine bhon sgire a' gabhail pàirt ann. Bha am film: The Wicker Man agus Inspector Alleyn Mysteries a’ cluich an seo cuideachd.
Tha Bun-sgoil agus Àrd-sgoil, dhà bhùth bheag, dhà no trì taighean-òsta, taighean-bìdh ann. Tha e ubhasach ainmeil leis an luchd-turais agus bidh torr dhiubh a' tighinn dhan dannsa aig bhliadhna-ùr airson a' charthannais Computers For Africa.
Dealbhan [deasaich]
Iomraidhean [deasaich]
- ↑ Iain Mac an Tàilleir, "Ainmean-Àite", duilleag 96, Pàrlamaid na h-Alba
Ceanglaichean a-mach [deasaich]
- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NG 802 334
- Làrach-lin Ploc Loch Aillse