Am Mòd Nàiseanta Rìoghail
'S e am Mòd Nàiseanta Rìoghail am prìomh thachartas cultarach ann an saoghal na Gàidhlig. Chaidh am Mòd a chur air bhonn leis a' Chomunn Ghaidhealach.
Bidh mòran cho-fharpaisean a' dol ann m. e.: co-fharpaisean beul-aithris, seann nòis, òrain Gàidhlig is còisirean Gàidhlig, ceòl traidiseanta, co-fharpaisean ionnstramaidean, a' gabhail a-steach fidheall, a' Phìob Mhòr, clàrsach amsaa. Bidh co-fharpaisean ann an litreachas, a' leughadh bàrdachd no a' Bhìobaill cuideachd.
Bidh iomain agus ball-coise ann cuideachd agus bidh prògram inntinneach ann airson Iomall a' Mhòid, le ceòl, bùthan-obrach agus òraidean. Bidh na co-fharpaisean a' tarraing mòran daoine chun a' Mhòid. Mar is trice bidh na h-àireamhan gu math àrd, gu h-àraid ann am farpaisean na cloinne.
Leis an t-sianal ùr bidh am Mòd ri fhaicinn air BBC Alba.
Ionadan[deasaich]
Bidh am Mòd ann gach bliadhna anns an Dàmhair ann an àiteachan diofraichte air feadh Alba.
- 2016 - Na h-Eileanan Siar
- 2015 - An t-Òban
- 2014 - Inbhir Nis
- 2013 - Pàislig
- 2012 - Dùn Omhain
- 2011 - Na h-Eileanan Siar
- 2010 - Gallaibh
- 2009 - An t-Òban
- 2008 - An Eaglais Bhreac
- 2007 - Loch Abar
- 2006 - Dùn Omhain
- 2005 - Steòrnabhagh
- 2004 - Peairt
- 2003 - An t-Òban – an 100mh Mòd Nàiseanta Rìoghail
- 2002 - An Leargaidh Ghallda
- 2001 - Steòrnabhagh
- 2000 - Dùn Omhain
- 1999 - Loch Abar
- 1998 - An t-Eilean Sgitheanach agus Loch Ailse
- 1997 - Inbhir Nis
- 1996 - Blàr Ghobharaidh
Ceanglaichean a-muigh[deasaich]
- Am Mòd (Gàidhlig)
- Am Mòd anns an Scotsman (Gàidhlig)
- Am Mòd: Ionadan gach bliadhna
- Mòd Phàislig 2013