Alasdair Caimbeul

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

'S e Alasdair Caimbeul (27 An Cèitean 1941) neo Alasdair a' Bhocsair sgrìobhadair à Nis, Leòdhas.

A bheatha[deasaich | deasaich an tùs]

Rugadh e an 27 Cèitean 1941 ann an Dail bho Dheas, Nis, Leòdhas. [1][2] 'S e a bhràthair an sgrìobhadair Tormod Caimbeul (Tormod A' Bhocsair). 'S e Aonghas Caimbeul (Am Bocsair) an t-ainm a bh' air an athair, agus b' e sgrìobhadair ainmeil Gàidhlig eile a bh' ann an uncail, Aonghas Caimbeul (Am Puilean). Dh'fhuireach e ann an Drochaid Chonain an Siorramachd Rois anns an 90an. [3]

Obair sgrìobhaidh[deasaich | deasaich an tùs]

Tha e air dealbhan-cluiche, sgeulachdan goirid agus nobhailean a sgrìobhadh ann an Gàidhlig agus Beurla. Thòisich e a' sgrìobhadh ann an Gàidhlig ann an 1984.[4] 'S e Bùth a' Bhaile a' chiad dealbh-chluich a sgrìobh e.[5] Bha e an sàs ann am buidhnean dràma mar 'Na Nisich' ann an Leòdhas agus Cluicheadairean Loch Aillse.[6] Bho 1988 gu 1990 bha e na sgrìobhaiche ann an Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach. [7] Sgrìobh esan na nobhailean The Nessman agus Visiting the Bard ann am Beurla.

Clàr-leabhraichean Gàidhlig[deasaich | deasaich an tùs]

  • (1995) Cha Sgeul Ruin E: Taghadh De Sgeulachdan O Chaochladh ùghdaran, Acair, ISBN 0861521854
  • (1989) le Aonghas MacDhòmhnaill Murchadh agus Am Bradan Steòrnabhagh: Acair
  • nobhail don òigridh
  • (1990) Trì dealbhan-cluiche Slèite, An t-Eilean Sgitheanach: Clò Ostaig ISBN 0951641905
  • Ro-ràdh (dha Magaidh Choineagan)
  • Bùth a' Bhaile
  • A' Home Brew
  • Dol a dh'fhaicinn Nighean an Rìgh
  • An staffroom
  • Toiseach an earraich
  • An sgrìobhaiche
  • 'S e seo do bheatha
  • Na craoladairean
  • Am fear a chaidh dhan eilean.

Clàr-leabhraichean Beurla[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Alasdair Caimbeul (1990) Trì dealbhan-cluiche [Slèite]: Clò Ostaig, còmhdach an leabhair
  2. http://www.bbc.co.uk/voices/recordings/individual/nangaidheal-ness-campbell-alasdair.shtml
  3. Alasdair Caimbeul (1990) Trì dealbhan-cluiche [Slèite]: Clò Ostaig, còmhdach an leabhair
  4. Alasdair Caimbeul (1990) Trì dealbhan-cluiche [Slèite]: Clò Ostaig, còmhdach an leabhair
  5. Alasdair Caimbeul (1990) Trì dealbhan-cluiche [Slèite]: Clò Ostaig, 7.
  6. Alasdair Caimbeul (1990) Trì dealbhan-cluiche [Slèite]: Clò Ostaig, 7
  7. Alasdair Caimbeul (1990) Trì dealbhan-cluiche [Slèite]: Clò Ostaig, còmhdach an leabhair

Ceangailean a-muigh[deasaich | deasaich an tùs]