Aithbhreac inghean Coirceadail

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Aithbhreac Inghean Corcadail)
Gearr leum gu: seòladh, lorg

B' e bana-bhàrd a bha ann an Aithbhreac inghean Coirceadail, no mar a chuireadh sinne oirre anns an latha an-diugh Aithbhreac Nic Chorcadail. Cha tàinig ach aon dàn a rinn ise a-nuas thugainn: am marbhrann A phaidrín do dhùisg mo dhéar, a tha air a ghlèidheadh ann an Leabhar Deadhan Lios Mòir agus anns a bheil i a' caoidh a fir, Niall Óg (mac Thorcuil) MacNéill Ghiogha, a bha na chonstabal aig Caisteal Suibhne ann an Cnapadal às leth MacDhòmhnaill nan Eilean, agus a dh'eug, a rèir coltais, uaireigin eadar 1455 agus 1472. Is dòcha gur e seo an dàn as tràithe a rinneadh (ann an Alba no ann an Èirinn) le bana-bhàrd air a bheil ainm cinnteach.

Tùsan[deasaich | deasaich an tùs]