Aiseag Rinn Friù

O Uicipeid
Aiseag Rinn Friù air Abhainn Chluaidh

Is e aiseag thar Abhainn Chluaidh eadar Eochair air bruach a tuath agus Rinn Friù air bruach a deas a tha ann an Aiseag Rinn Friù. Stèidhicheadh aiseag an seo anns an 16mh linn. Anns an latha an-diugh, is ann le Clydelink a tha an aiseag, agus bithidh na bàtaichean-aiseig aca "Renfrew Rose" is "Yoker" a' dol thairis corr is fichead turas gach latha.[1] Gu mi fhoighidinneach, on deach fhosgail air tunail rathaid aig Innis Bhàn anns na 1930'n agus Drochaid a' Chluaidh aig Arasgain ri na 1970'n tha trafaig an aiseig air crìonadh, chun ìre gu bheil an SPTE a' toirt taic airgid nas àirde na £3 airson gach siubhlach a chleachdas an aiseag.

Anns a' bhliadhna maoineachais 2009-2010 bha gainnead de £2,500,000 anns a' sporan aig a SPTE agus tha am beachd a' nochdadh gum b' fheudar don aiseag a sgurr,[2] ach tha an seirbheis fhathast ann.[3]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. ClydeLink”. Air a thogail 13mh dhen t-Samhain 2020.
  2. "Clyde ferry route to end in March". BBC News. 2010-01-22
  3. Renfrew Ferry skipper pulls woman from river after car plunge”, BBC News. 27mh dhen Chèitean 2020. Air a thogail 13mh dhen t-Samhain 2020. 

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

  • Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NS 511 684