Adaptxt

O Uicipeid

Tha Adaptxt 'na aplacaid airson fònaichean-làimhe a leigeas le daoine teacsadh ro-innseach (no predictive texting) a dhèanamh. Tha e 'ga dhealbhadh le KeyPoint Technologies, companaidh a tha stèidhichte san Rìoghachd Aonaichte.

Chan ann ach a chum fònaichean Windows a bha an aplacaid nuair a chaidh a chur air bhog ann an 2012 ach chuireadh ri làimh e air fònaichean Android cuideachd a-mach à 2011, an dearbh bhliadhna a chaidh aplacaid le còd fosgailte a dhèanamh dheth.

Chaidh comas Gàidhlig, Gaeilge agus Gaelg a chur ris san t-Samhain 2012 ri linn co-obrachadh eadar Adapxt, Michael Bauer agus Kevin Scannell.[1]

Tùsan[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Aithris na Maidne air BBC Radio nan Gàidheal

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]