Achd na Gàidhlig 2005

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Achd na Gàidhlig)

'S e a' chiad lagh le Pàrlamaid na h-Alba gus a' Ghàidhlig aithneachadh foirmeil fhaighinn ann an Alba a tha ann an Achd na Gàidhlig. Chaidh a h-aontachadh gu h-aon ghuthach leis a' Phàrlamaid air 21mh an Giblean 2005.

Tha Achd na Gàidhlig:

  • ag aithneachadh Gàidhlig mar chànan oifigeil na h-Alba, aig a bheil spèis cho-ionnan ris a' Bheurla
  • a' stèidheachadh Bòrd na Gàidhlig mar phàirt de bhun-structar riaghaltais na h-Alba
  • a' dèanamh riatanas airson Plana Nàiseanta na Gàidhlig gus stiùireadh ro-innleachdail a thabhann airson leasachadh na Gàidhlig
  • a' tabhann bun-structair airson planaichean cànain Gàidhlig a chruthachadh le ùghdarrasan poblach ann an Alba
  • a' toirt uallach air Bòrd na Gàidhlig airson na Gàidhlig a thoirt an àrd ann an Alba, agus airson Ministerean na h-Alba a chomhairleachadh mu chùisean Gàidhlig

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]