Achd Prìobhaideach

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

Is e a tha ann an Achd Prìobhaideachd, ann an siostam lagh na Rìoghachd Aonaichte, achd pàrlamaid a leanas air Bile a tha ball pàrlamaid fa-leth (Ball Prìobhaideachd) air cuir air adhart anns a' phàrlamaid agus ris an chanar "Bile Ball Prìobhaideachd". Tha an stoidhle seo a' sònrachadh na Bilean Prìobhaideachd bho Bilean Riaghaltais a tha an Riaghaltas a' cuir air adhart a choileanadh am Prògram Reachdais aca.

Chleachdar achdan den seòrsa an dà chuid le companaidhean prìobhaideachd agus ùghdarrasan poblachd a tha feumail air cumhachdan reachdail sònraichte a choileanadh na h-amasan aca.

Anns a' chiad dol a mach chaidh leasachadh air cleachdadh reachdas den nòs seo an "Linne nan Chanal" nuair, airson a chiad turas, nochdadh an feum a thoirt cumhachdan do luchd-leasachaidh a ghabhail sealbh air fearann airson obraichean poblachd, far an robh iad air dearbhadh gum biodh na h-obraichean aca gu rath na dùthcha. Ged a bhiodh neach-sheilbh fa-leth an aghaidh an leasachadh, cha bhiodh esan comasach a chuir stad air leasachadh a bhiodh gu rath a mhòr-shluagh.

Tha ceist air a bhi ann an Alba rè samhradh 2009 mu choinneamh cleachdadh de cumhachdan ceannaich air èiginn an aghaidh cuid den luchd-seilbhe air Machair Balmedie an Siorramachd Obar Dheathainfar a bheil Domhnall Trump ag iarraidh a thogail golf resort airson daoine beartach. Is ceist ana-trom a tha anns an measadh ma thathas neo mur eil leasachadh den leithid cho mòr ri rath na dùthcha gum bu choir don chomhairle a chleachdadh cumhachdan ceannaich air èiginn an aghaidh an t-sluagh ionadail anns a' chùise seo. Chaidh a h-aon seòrsa cùrsa-ghoilf a' togail aig Seann Ceann t-Sàilean Èireann os cionn sia bhliadhnaichean - a' dùnadh dheth machair fhosgailte a bha air a bhi na àite poblach bhon tarruinneadh a mach an Gearrasdan Breatainneach nuair a bha na Cogaidhean Napoleoin seachad