A' Mhanachainn

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

Co-chomharran: 57°29′05″N 4°27′43″W / 57.484662°N 4.462035°W / 57.484662; -4.462035

Priory anns a' Mhanachainn
Suidheachadh
Suidheachadh
A' Mhanachainn
Suidheachadh na Manachainn

'S e baile faisg air Inbhir Nis a th' anns a' Mhanachainn. 'S e Beauly an t-ainm Beurla a th' air, ainm a thàinig bho Fhraingis Beau Lieu is a' ciallachadh "àite àlainn" ann an Gàidhlig.[1]. Canar Am Beul Atha sa Ghàidhlig cuideachd.

Bha manaich a' fuireach ann anns an t-seann aimsir agus 's ann air sgàth sin 's e a' Mhanachainn ainm a' bhaile.

Tha sgioba iomain math, a' Mhanachainn, aig a' bhaile agus tha nàimhdeas blàth eadar a' Mhanachainn agus Lobhat. Bidh an geama eatarra aig a' Bhliadhn' Ùir a' tarraing cha mhòr mìle dhuine.

Tha an fhéis fìdhleireachd Blazin' in Beauly a' gabhail àite sa bhaile gach bliadhna bho na thòisich i ann an 2001.

Tha stèisean rèile aig a' bhaile.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. David Ross: Scottish Place-names, Birlinn (Dùn Èideann, 2001) ISBN 1841581739

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Commons-logo.svg
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: