A' Ghraonlainn

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
A' Ghraonlainn
Sealladh san àirde a dheas na Graonlainn, faisg air Nanortalik

'S e a' Ghraonlainn [1][2] no Graonlainn[3] (cànan Kalaallisut: Kalaallit Nunaat, Danmhairgis: Grønland) an t-eilean as motha anns an t-saoghal air fad. Tha i suidhichte eadar a' Chuan Argtach agus a' Chuan Siar. Ged a tha e pàirt de tìr-mòr Aimearaga-a-Tuath a-rèir cruinn-eòlas, tha dluth cheangal poiliteagach aice leis an Danmhairg.

Anns a’ bhliadhna 2008 bha taghadh anns a’ Ghraonlainn agus rèitich muinntir na dùthcha gum bi iad mar duthaich fhèin-riaglaidh ann an Rìoghachd na Danmhairge. Thòisich siud anns an Iuchar 2009.

Tha a' Ghraonlainn cho mòr ri 2,166,086 cilemeatair ceàrnagach. Anns a’ bhliadhna 2007 bha timcheall air 57,564 daoine a’ fuireach anns an dùthaich fhèin, 's e sin 0.027 duine gach km². Mar sin 's e a’ Ghraonlainn an tè as ìsle a-rèir Àireamh-shluaigh anns an t-saoghal.

Tha Nuuk (far-ainm: Godthåb) na prìomh-bhaile agus 's e am baile as motha san dùthaich.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Brigh nam Facal, Faclair Ur don Bhun-sgoil (deas. Cox, Richard A.V.) - ISBN 0-903204-21-5
  2. Dùthchannan aig SMO
  3. Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]