A' Chananaich

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Àrd-eaglais anns a' Chananaich

'S e baile air a' Ghàidhealtachd a tha anns A' Chananaich (Beurla: Fortrose). [1] Tha am baile suidhichte air bruach Linne Mhoireibh. Tha e mu 10 cilemeatair air àird an ear-thuath Inbhir Nis. 'S e seo na co-chomharran aige: 57° 35′ 1″Tuath agus 4° 7′ 50″2° 49′ 10.72″ Iar.

Anns a' bhliadhna 2001 bha 1,174 duine a' fuireach an seo. [2]

Tha am baile ainmeil airson na h-àrd-eaglais a chaidh a thogail anns an 13mh linn. Anns an 17mh linn rinn Oliver Cromwell sgrios mòr air an togalach, bhris e na clachan às na bailtean airson an dùin ann an Inbhir Nis a thogail. An-diugh tha na tobhtaichean fo chùram Alba Aosmhor.

Anns na Meadhan-Aoisean bha na h-easbaigean dhen t-Siorrachd Ros a’ fuireach anns a' Chananaich. Canar gun do dh’ fhuirich Coinneach Odhar an seo cuideachd.

Còmhla ri Ros Maircnidh tha raon-goilf aige.

Iomraidhean [deasaich]

  1. SMO
  2. Scotland's Census Result OnLine

Ceanglaichean a-mach [deasaich]

Commons-logo.svg
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:
  • Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NH 726 568