A' Chaitheamh
O Uicipeid
'S e tinneas nan Sgamhan a tha anns a' Chaitheamh. Bidh fulangaich a' casadaich is a' cur a-mach fala. B' àbhaist dha a bhith gu math pailt ri linn Bhictoria agus fiu 's gu'n Darna Cogadh. Bha mòran àiteachan air a' Ghaidhealtachd agus ann an àrainneachdan glan eile far am faigheadh na fulangaich leighis le bhith a' gabhail anail ghlàn.
Anns a' bhliadhna 1882 fhuair Robert Koch a-mach mu fhàth na caitheimh (Laideann: Mycobacterium tuberculosis).