A' Bheurla Ghallda

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Beurla Gallda
Air a bhruidhinn an:
Alba
Eirinn a'Tuath
Poblachd na h-Èireann
Sasainn
Sluagh: 1.5 millean (Alba);
30,000 (Eirinn)
Ginteil Seorsachadh: Indo-Eòrpach

 Gearmanach
  Gearmanach Siar
   Angleach
    a'Bheurla Gallda

Samhlaidhean nam cànan
ISO 639-3 sco

'S e a Bheurla Ghallda (anns a chainnt fhèin Scots san latha an diugh agus Inglis gu h-eachdraidheal) cànan Tiùtonach a tha air a bhruidhinn anns a Ghalldachd, Arcaibh agus Sealtainn ann an Alba agus Ulaidh an Eirinn ( far an e 'Ullans' a bhios iad ag èigheachd air ann an còmhlan oifigeach ach 'se 'Scots' a chanas an sluagh fhein ris ).

Eachdraidh a' Chànain[deasaich | edit source]

'Se am Beurla Gallda an sean chànan aig Lodainn (agus an sean Rìoghachd Sasannach anns an robh Lodainn mus d'fhuair na Gàidheil smachd air, Northumbria) agus 'se a-chuir fhas den Ghàidhlig ann an Galldachd Alba. Aig aon àm 'se seo am prìomh cànan ann an Alba agus 'se a bhiodh air a cleachdadh mar cànan oifigeil leis na Rìghrean agus am Pàrlamaid ach tha e air crìonadh an dèidh do dh'Alba aonachadh le Sasainn ann an 1707 agus tha Beurla Shasainn air an aite aige a ghabhal mar prìomh cànan an t-sluagh mhòr de dh'Albannaich. Bha toir bàrdachd ainmeil air a sgriobhadh 'sa chànan agus 'se Raibeart Burns am Bàrd is ainmeil a dh'obair 'sa chànan - chanadh a chuid mhòr de dhaoine gur e' am prìomh bàrd aig na h-Albannaich.

'Se 'Inglis' a bh'aig na gall a bhitheadh ga bhruithinn air an cànan aca ach mun 15mh-16mh linn thoisich iad ag èigheachd 'Scots' air ged a se seo an t-ainm a bh'air a' Ghàidhlig aig an àm. An deidh seo se 'Erse' no 'Irish' a bha aca air gàidhlig na h-Alba. Tha feadhainn ann an t-saoghal a' Ghàidhlig a chleachdas an nua-fhacal 'Albais' mar ainm a' Bheurla Gallda ged nach e seo ainm a tha freagarrach a rèir eachdraidh an dùthaich agus nan Gaidheil.

Aistean co-cheangailte[deasaich | edit source]

Ceangailean a-mach[deasaich | edit source]

An Wikipedia 'sa Bheurla Gallda