Český Krumlov

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

Tha am baile Český Krumlov (Krum(m)au an der Moldau neo Böhmisch Krum(m)au sa Ghearmailtis, Crumlaw sa Laideann) na laighe aig ceann deas na Seice, 492 meatair (1,614 troigh) os cionn àirde na mara, faisg air a’ chrìoch bheanntach Šumava.

Tha am baile ainmeil air sgàth an ailtireachd aige. Tha am meadhan-bhaile aige air an liosta de làraichean dualchais na Cruinne aig UNESCO, agus 's e a chaisteal an dàrna fear as motha san dùthaich (as dèidh Caisteal Prague).

Ann an 2007 bha beagan còrr is 14,000 duine a' fuireach ann.

Sealladh air Český Krumlov leis a' chaisteal air an làimh chlì (tùr a' chaisteal ann am meadhan na deilbhe) agus Eaglais Naomh Bhitus air an làimh cheart

Ceanglaichean eile[deasaich | deasaich an tùs]

Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: