Ó Baoghail, Raibeart

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Ó Baoghail, Raibeart

Is e nàduir-fheallsanach a bha an Raibeart Ò Baoghail (1627 -1691). Rugadh e aig Caisteal Lios Mòr, Contae Phort Lairge, Èirinn. Chuireadh e gu sgoil (Eton) nuair a bha e 8 bliadhna a dh'aois, agus aig 11 bliadhna a dh'aois chuireadh e air cuairt Tìr-mòr na h-Eòrpa, mus an robh e 16 bliadhna a dh'aois. Air bàs a h-athair sheilbh e taigh faisg air Oxford, Shasuinn.

Thug toradh a chuid oibre an càirdeas a tha eadar toirt agus brùth àile chun solais (Dlighe Úi Bhaoghail). Fhuair e a-mach nach gluais fuaim tro falamhantas. Fhuair e a-mach cuideachd gu bheil cuideam aig adhair. B'e Ó Baoghail a' chiad dhuine a dh'aithnich (an 1661) gu bheil iomadh susbaintean dèanta às bloighean de susbaintean simplidh, ris a chanar dùile. B'e Ó Baoghail a' chiad eòlach mar sin a chleachd am facal "dùile" anns an dòigh seo. Dh'adhbharaich e a' chiad eagar reusanta de sgoil-cheimidh agus an lùib sin chanar "Athair na Ceimigeachd" ris.

Cha do phòs e riamh. Chaochail e ann an Lunnainn an 1691 nuair a bha e 64 bliadhna dh'aois.

Innealan pearsanta
Namespaces

Tionndaidhean
Gnìomhan
Seòladh
Clò-bhuail/às-phortaich
Bogsa-innealan
Ann an cànain eile