Àrd-sgoil a' Phluic
Tha Àrd-sgoil a' Phluic na àrd-sgoil le 290 de sgoilearan anns a' Phloc ann an Albainn. Tha na sgoilearan a' tighinn bho fad is farsainn bhon Chuimrich sa àird a tuath gu Gleann Eilg san àird a deas. Bhon fhosgail Drochaid an Eilein tha barrachd is barrachd a' tighinn bho cheann a deas an Eilein Sgitheanaich a bhiodh roimhe seo a' dol gu Àrd-sgoil Phort righ. Tha ostal beag aig a' sgoil airson sgoilearan a tha a' tighinn bho fad air falbh - gu h-àraid an fheadhainn a tha a' dol gu Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd.
Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd [deasaich]
Bhon a thoisich i sa bhliadhna 2000, tha Sgoil Chiùil na Gaidhealtachd air a bhith suidhichte aig Àrd-sgoil a' Phluic. 'S e seo an aon sgoil nàiseanta ann an Albainn airson ceòl traidiseanta. Faodaidh sgoilear sam bith bho air feadh Albainn iarratas a chuir a-steach. Bidh a' mhòr chuid aca a' fuireach san ostal.