Àrd-Dhiùcachd Würzburg

O Uicipeid
Àrd Dhiùcachd Würzburg
GroßHerzogtum Würzburg
  18061814  
Bratach na dùthcha Gearradh-arm
Mapa
Fiosrachadh
Bliadhna Tòiseachaidh 1806
Bliadhna mu Dheireadh 1814
Prìomh-Bhaile Würzburg
Càna(i)n Oifigeil Gearmailtis
Farsaingeachd 15,082 km2
Àireamh-shluaigh 2,009,320 (1905)
Dlùths 133.23/km2

B’ e dùthaich bheag neo-eisimeileach anns a’ Ghearmailt a bh’ anns an Àrd Dhiùcachd Würzburg (Gearmailtis: GroßHerzogtum Würzburg) a mhair dìreach ochd bliadhna, bho 1806 gu ruige 1814.[1] Chaidh Àrd Dhiùcachd Würzburg a chruthachadh nuair a chaidh talamh na h-Easbaigeachd Würzburg a sgaradh bho Rìoghachd Bayern,[2] ri linn atharrachadh mòr a rinn Napoleon Bonaparte air structair phoileataigeach na Gearmailt a thaobh Co-chaidreachas na Rèine,[3] an dèidh dha chur às do dh' Ìmpireachd Naomh na Ròimhe. Fhuair e Schweinfurt ann an 1810.[4] Mhair an stàit seo na h-aonar gu ruige 1814, nuair thugadh air ais do Bhayern i. B’ e Würzburg a bh’ ann prìomh-bhaile na dùthcha agus bha an teaghlach Habsburg-Lorraine os a cionn.[5]

Ceannard na Stàite[deasaich | deasaich an tùs]

  • Ferdinand III., Joseph Johann Baptist von Habsburg-Toskana (1806 - 1814)

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Köbler, Gerhard(1988). Historisches Lexikon der deutschen Länder. Munich:Verlag C. H. Beck, 639. ISBN 3406332900.
  2. Ivo Striedinger: Das Großherzogtum Würzburg, in: ZBLG 6, 1933, S. 250–256
  3. Napoleon
  4. Document Archiv
  5. Oxford University Press