Àirigh

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Airigh air a' mhointeach ann a Cuisiadar, faisg air Sgiogarstaigh, Nis

B’e àirigh bothan air air a’ mhòintich sam biodh daoine a’ fuireach airson greise as t-samhradh. San dòigh seo, gabhaidh achaidhean àrd fois san geamhradh, nuair a tha iad fuar, agus gabhaidh na machraichean fois san t-samhradh.

Ann am bàrdachd Gàidhlig, tha àirighean tric a' samhlachadh saorsa, àbhachdas agus gaol leis mar a bhiodh tuilleadh saorsa aig an òigridh na bhiodh aca aig an taigh. Tha òrain leithid 'Maighdeannan na h-Àirigh' agus 'Am Bothan Àirigh air Bràigh Raithneach' a' cleachdadh na h-ìomhaigh.

'Am Bothan Àirigh air Bràigh Raithneach'

'S ann a bhios sinn gan àrach
air àirigh am Bràigh Raithneach
Ann am bothan an t-sùgraidh
's gur e bu dhùnadh dha barrach'.