Àird nam Murchan
'S e leth-eilean a tha ann an Àird nam Murchan (Beurla: Ardnamurchan).
Susbaint |
Cruinn-eòlas [deasaich]
Tha e ann an Loch Abar ann an sgìre Comhairle na Gàidhealtachd. Tha e cho farsaing ri 50 mìltean ceàrnagach. Tha timcheall air 2000 duine a' fuireach an seo.
Is àbhaist do na daoine ag ràdh gur e Rubha Àird nam Murchan an t-àite as fhaide iar air tìr-mòr Bhreatainn. Ach a-rèir na rannsachaidhean ùra a rinn an Ordnance Survey ann an Alba, ‘s e Corrachadh Mòr an t-àite as fhaide iar. Tha an Taigh Solais Àird nam Murchan suidhichte aig Rubha Àird nam Murchan.
Ainm an àite [deasaich]
Chan eilear cinnteach cò às a thàinig an t-ainm "Àird nam Murchan". Tha dà bheachd ann: Tha aon mìneachadh ag ràdh gun tàinig e bho na faclan "Àirde" agus "Muirchu" (biast dhubh) neo ròn [1] agus a' ciallachadh: àite nam biastan dubha. Tha mìneachadh eile ag ràdh gu bheil an t-àinm ceangailte leis an fhacal: "Muirchol" leis a' chiall: àite spùinneadairean-màra.[2]
Bailtean ann an Àird nam Murchan [deasaich]
- Achadh na h-Átha, Áth Tharracail
- Cille Chòmhain
- Gleann Bhorghdail
- Ocal
- Port Uairce
- An t-Sáilean, Sanna
Ceàrnaidh [deasaich]
Cruinn-eòlas [deasaich]
- Abhainn Seile
- Cárna, Corrachadh Mór
- Loch Shuaineart
- Rubha Áird nam Murchan
- Taigh Solais Áird nam Murchan
Leabhraichean [deasaich]
- Maclean, Alasdair (1993). Night Falls on Ardnamurchan: The Twilight of a Crofting Family. Birlinn. ISBN 1-84158-159-3.
Iomraidhean [deasaich]
- ↑ Iain Mac an Tailleir (pdf-Datei), "Placenames", Duilleag 7, Pàrlamaid na h-Alba (englisch)
- ↑ Northern Lighthouse Board